Òrain Ghàidhlig le Mairi Macinnes
BHO: 24 Lùnastal 2015GU: 28 Lùnastal 2015
COSGAIS: £220
COSGAIS (OILEANAICH): £160
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Tha sinn air leth toilichte fàilte mhòr a chur air Mairi NicAonghais chun t-sreath seo de chùrsaichean goirid ann an Òrain Ghàidhlig. ‘S ann a Baghasdail a Tuath a tha Màiri, coimhearsnachd bheag ann an Uibhist a Deas anns na h-Eileanan an Iar. Le Gàidhlig na cuislean, tha an cànan air a bhith na stiùir ann am beò-shlàite’ Mhairi. Bhuannaich Mairi am Bonn Òr aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 1982, agus bhon uair sin tha i fhìn is a guth air cliù a choisinn ann an iomadh àite. Tha i air siubhal cuide ris a’ chòmhlan Runrig, agus leatha fhèin, ann an Alba, Èirinn, Na Stàitean Aonaichte, an Spàin agus Canada. Cluinnear is chithear tric an dà chuid air an rèidio agus air an telebhisean. Chaidh a clàr ùr “Gràs” a chuir air bhog aig toiseachd na bliadhna seo, agus tha i air leth toilichte na h-òrain agus a sgeulachd a libhrigeadh mar chuspair an t-seachain sònraichte seo aig Sabhal Mòr Ostaig. |
Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn Mhairi air a làrach-lìn aice, mairimacinnes.com.