Skip to content

Dealbhadaireachd Didseateach le Cailean MacIlleathain

BHO: 04 Giblean 2016
GU: 08 Giblean 2016
COSGAIS: £240
COSGAIS (OILEANAICH): £170
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Tha an cùrsa seo ag amas air daoine aig a bheil ùidh ann an dealbhachadh agus deagh eòlais air camaran. ‘S e measgachadh de dh’òraidean, taisbeanaidhean, còmhraidhean agus cuairtean a-mach air an tuath a tha anns a’ chùrsa. Tha toradh obrach a’ chùrsa ga taisbeanadh ann an Àrainn Chaluim Chille aig deireadh na seachdain.

Tha an cùrsa a toirt sùil air eachdraidh dhealbhadaireachd air a’ Ghaidhealtachd, prìomh-thùsan a’ chuspair, a bharrachd air mar tha dealbhan gan làimhseachadh ann an dòigh digiteach.

Bheir uidheam chamara leibh chun a’ chùrsa agus bhiodh e iomchaidh compiutair uchd le bathar bog freagarrach a toirt leibh cuideachd. Na gabh dragh mur a h-eil compiutair uchd agaibh idir, tha uidheaman freagarrach aig a’ Cholaiste fhèin.  ‘S ann tro’ mheadhan na Beurla a tha an cùrsa seo ga libhrigeadh, gus am bith e freagarrach don a h-uile duine.

Bu chòir dhuibh an camara agaibh fhèin a thoirt leibh.

Tha fios a bharrachd ri fhaighinn air obair Chailein an seo: www.skye-media.com

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578