Piobaireachd & Drumaireachd fo aois 18
BHO: 04 Iuchar 2016GU: 08 Iuchar 2016
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Tha cùrsa pìobaireachd is drumaireachd mar seo air a bhith stèidhichte aig a’ cholaiste fad iomadach bliadhna agus tha iomadh de neach-ciùil as fheàrr an latha an-diugh air a bhith gabhail pàirt tro na bliadhnaichean. Anns an ùine bhig a dh’fhalbh tha an cùrsa air bhith fo stiùireadh seòlta de sàr phìobaire Iain MacFadyen agus pìobaire agus drumair Sgitheanaich Andrew MacPherson.
’S e leasachadh sgilean pìobaireachd agus drumaireachd a tha an amas den chùrsa seo. Bhiodh e freagarrachd do dh’oileanach sam bith fo aois 18 aig a bheil sgilean reusanta math air an fheadan ach bhiodh e na b’ fheàrr ma tha iad air bhith cluich a’ phìob airson greis cuideachd.
Air a’ chùrsa ionnsaichidh oileanaich “ceòl beag”: Caismeachdan, Srathan Spè agus Ridhlean còmhla ri còrn-phìob, fuinn Gàidhealach agus puirt-cruinn. Obraichidh iad cuideachd air “ceòl mòr”: pìobaireachd.
’S e teaghlach ainmeil a th’ aig Iain MacFadyen le ceanglaichean làidir leis na h-Eileanan Siar is bhuannaich Iain agus a bhràithrean na duaisean as cliùitiche ann am pìobaireachd.
’S e neach-ciùil proifeiseanta a th’ ann an Andrew MacPherson. Tha e air cluich còmhla ri iomadach còmhlan-ciùil, m.e. Deoch ‘n Dorus, Skipinnish agus an Angus Nicolson Trio. Tha Andrew cleachdte ri cluich anns a stiùidio agus air beulaibh luchd-amhairc agus tha e air a bhith a’ cluich ann an iomadh sèisean, còmhlan-ciùil is còmhlan-pìobaireachd. Tha eòlas luachmhor aige ri thoirt dha sgoilearan dhe gach aois is comas, is e air a bhith a’ teagasg aig fèisean agus sgoiltean fad bhliadhnaichean.