Skip to content

Pìobaireachd le Ailean Dòmhnallach

BHO: 01 Ògmhios 2019
GU: 02 Ògmhios 2019
COSGAIS: £100
COSGAIS (OILEANAICH): £80
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

 

 

 

 

 

 

Tha an cùrsa deireadh-seachdain seo ag amas air pìobairean a tha comasach air Ceòl Mòr agus Ceòl Beag a chluich. Bidh thu a’ sùileachadh ri do chuid sgilean a leasachadh cho math ‘s a ghabhas agus an tuigse is tlachd às an ionnsramaid agad a thoirt am feabhas. Bidh Ceòl Beag na pìoba ga theagasg cho math ri eachdraidh a’ chiùil agus mar a dh’atharraich e tro na linntean. Bidh na clasaichean air Ceòl Mòr a’ sealltainn mar a dh’atharraich nòs a’ chiùil gu mòr gu ceòl ‘clasaigeach’, mas fhìor. Bidh an cùrsa seo gu math fosgailte, ionnsaichidh tu roghainn de phuirt agus na h-òrain Ghàidhlig agus na sgeulachdan air cùl nam port. ‘S e amas a’ chùrsa gum fàg thu fhèin agus càch le ceòl ùr agus sibh uile nas comasaiche air cluich ann an dòighean às am faigh sibh toileachas agus deagh mhisneachd.

Airson barrachd fios fhaighinn mu Ailean, brùth an seo.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578
/*
*/