Skip to content

Gàidhlig Ìre 3 – Air an Làraich: 17 Iuchar 2023

BHO: 17 Iuchar 2023
GU: 21 Iuchar 2023
COSGAIS: £280
COSGAIS (OILEANAICH): £195
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Gàidhlig Ìre 3 – Air an Làraich

**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  Nach faighnich sibh mun liosta-feitheimh.**

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh a tha a’ tuigsinn Gàidhlig aig ìre eadar-mheadhanach ìosal agus a tha comasach air còmhradh a dhèanamh le bhith a’ cleachdadh structaran sìmplidh. San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air:

  • an tràth teachdail den ghnìomhair ‘bi’;
  • agus structairean ùra a leithid ghnàthasach, àithneach, tuairisgeulach, agus cheangalach.

Bidh cothrom ann cuideachd do luchd-ionnsachaidh leudachadh air an cuid eòlais air na diofar tràthan is air ro-riochdairean.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.

Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu susbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF:
An Cùrsa Inntrigidh: Earrann 2 (Aonad 7–8)
SCQF 4 – SQA Ìre Choitcheann Àbhaisteach Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)
SCQF 5 – SQA Ìre Choitcheann Creideas Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)

Clàr-ama an t-seachdain:

Diluain, Dimàirt agus Diardaoin clasaichean bho 9:30m gu 4:30f
Diciadain deiseil tràth 9:30m gu 3f
Dihaoine 10m gu 12:30f

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578
/*
*/