Skip to content

Cùrsa Còmhraidh le Ailig ‘Bhaltos’ Dòmhnallach

BHO: 01 Iuchar 2024
GU: 05 Iuchar 2024
COSGAIS: £290
COSGAIS (OILEANAICH): £205
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

**Tha an cùrsa seo làn a-nis. Faighnich mun liosta-fheitheimh.**

Chaidh an cùrsa còmhraidh seo a tharraing le chèile dhaibhsan aig a bheil deagh thomhas de Ghàidhlig mar-thà, ach a tha airson na comasan aca a thoirt air aghaidh chun na h-ath-ìre gus an urrainn dhaibh an cuid Ghàidhlig a dhèanamh cho siùbhlach is gnàthasach ’s a ghabhas. Ged a thèid cuideam a chur air sgilean labhairt, èisteachd is fuaimneachaidh gach oileanaich a leasachadh, coimheadar cuideachd ri cnàmhan a’ chànain tro abairtean, sean-fhaclan, gnàthasan-cainnt agus dualchainnt.

Mu Ailig

’S ann às an Eilean Sgitheanach fhèin a tha Ailig ‘Bhaltos’ Dòmhnallach is a’ Ghàidhlig aige on ghlùin – fad grunn bhliadhnaichean, tha Ailig air a bhith gu mòr an sàs ann an craoladh rèidio is telebhisein agus foghlam Gàidhlig do dh’inbhich aig gach ìre. A bharrachd air a bhith a’ teagasg ann an Roinn na Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain ceithir latha san t-seachdain, tha fèill mhòr air na comasan teagaisg aige am measg bhuidhnean de gach seòrsa air feadh Alba leithid Ceòlas is air feadh an t-saoghail, gu ruige Canada, Ameireagaidh is a’ Ghearmailt. Bhiodh sibh air Ailig a chluinntinn air BBC Radio nan Gàidheal, agus tha e gu mòr an sàs a bhith ag eadar-theangachadh sgriobtaichean airson chartùnaichean chloinne agus a’ lìbhrigeadh ghuthan airson nan dearbh phrògraman.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd Ìre SCQF

  • CertHE An Cùrsa Adhartais
  • Cùrsaichean Goirid an t-Sabhail Mhòir: Gàidhlig Ìre 8, 9 is 10
  • Cùrsa Fhlòdaigearraidh

Mura h-eil thu cinnteach am biodh an ìre seo a’ freagairt ort, na biodh leisg ort idir fòn no post-d a chur thugainn.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578