Skip to content

Gàidhlig Ìre 1 – Air-loidhne: 11 Iuchar 2023

BHO: 11 Iuchar 2023
GU: 13 Iuchar 2023
COSGAIS: £120
COSGAIS (OILEANAICH): £105
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  Nach faighnich sibh mun liosta-feitheimh.**

Bidh an cùrsa seo freagarrach do fhìor luchd-tòiseachaidh gun Ghàidhlig sam bith, m.e. daoine aig NACH EIL eòlas ionnsachaidh a-cheana, a leithid Duolingo no clasaichean ionadail*. San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air:

  • àireamhan ann an structaran eadar-dhealaichte;
  • mar a bhios tu a’ bruidhinn ri daoine, agus a’ faighinn a-mach cò às a tha iad;
  • mar a bhios tu ag innse is a’ faighneachd mu rudan a tha daoine a’ dèanamh, a leithid am beatha fhèin, obair no cur-seachadan;
  • agus mar a bhios tu a’ bruidhinn air sealbh.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar bunaiteach, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.

Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin), le trì clasaichean air Zoom gach latha aig 09.30 – 10.45, 11.15 – 12.30 and 13.30 – 15.00. Cha bhi ach ochdnar sa chlas.

*Ma tha eòlas ionnsachaidh Gàidhlig agad mar-thà, math dh’fhaodte gum biodh ìre nas àirde na bu fhreagarraiche dhut.

Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu susbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF:
An Cùrsa Inntrigidh: Earrann 1 (Aonad 1–3)
SCQF 4 – SQA Ìre Choitcheann Bunaiteach Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578