Skip to content

Gàidhlig Ìre 7 – Air-loidhne: 11 Iuchar 2023

BHO: 11 Iuchar 2023
GU: 13 Iuchar 2023
COSGAIS: £120
COSGAIS (OILEANAICH): £105
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  Nach faighnich sibh mun liosta-feitheimh.**

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh aig a bheil deagh eòlas air a’ Ghàidhlig, le sàr chomasan conaltraidh ann an sgilean labhairt is sgrìobhaidh. Tha an ìre seo ag amas air eòlas a chur air:

  • an tràth teachdail de ghnìomhairean neo-riaghailteach;
  • structaran leis a’ chruth neo-fhinideach cuide ri cuspairean dìreach;
  • an roimhear ‘ann’ le buadhairean sealbhach gus structaran ‘nam/nad’ a chruthachadh.

Nithear cuideachd leasachadh air briathrachas ùr a chuireas ris na structaran air a bheil eòlas aig an oileanach mar-thà.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.

Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin), le trì clasaichean air Zoom gach latha aig 09.30 – 10.45, 11.15 – 12.30 and 13.30 – 15.00. Cha bhi ach ochdnar sa chlas.

Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu susbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF:
An Cùrsa Adhartais: Modal 1
Cùrsaichean Ceuma Sabhal Mòr Ostaig: Bliadhna 1
SCQF 6 – SQA Àrd-ìre: Gàidhlig
SCQF 7 – SQA Àrd-ìre Adhartach: Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578