Gàidhlig Ìre 7 – Air an Làraich: 01 Iuchar 2024
BHO: 01 Iuchar 2024GU: 05 Iuchar 2024
COSGAIS: £290
COSGAIS (OILEANAICH): £205
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Bidh an cùrsa Gàidhlig Ìre 7 freagarrach do luchd-ionnsachaidh aig a bheil deagh eòlas air a’ Ghàidhlig, le sàr chomasan conaltraidh ann an sgilean labhairt is sgrìobhaidh. Tha an ìre seo ag amas air eòlas a chur air:
- an tràth teachdail de ghnìomhairean neo-riaghailteach;
- structaran leis a’ chruth neo-fhinideach cuide ri cuspairean dìreach;
- an roimhear ‘ann’ le buadhairean sealbhach gus structaran ‘nam/nad’ a chruthachadh.
Nithear cuideachd leasachadh air briathrachas ùr a chuireas ris na structaran air a bheil eòlas aig an oileanach mar-thà.
Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.
Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu susbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.
Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd Ìre SCQF:
An Cùrsa Adhartais: Modal 1
Cùrsaichean Ceuma Sabhal Mòr Ostaig: Bliadhna 1
SCQF 6 – SQA Àrd-ìre: Gàidhlig
SCQF 7 – SQA Àrd-ìre Adhartach: Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)
Clàr-ama na seachdaine:
Diluain, Dimàirt agus Diardaoin: 09:30 – 16:30
Diciadain: 09:30 – 15:00 (deiseil tràth)
Dihaoine: 10:00 – 12:30