Gàidhlig Ìre 7 – Air-loidhne: 12 an t-Iuchar 2022
BHO: 12 Iuchar 2022GU: 14 Iuchar 2022
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Gàidhlig Ìre 7 – Air-loidhne
Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh aig a bheil deagh eòlas air a’ Ghàidhlig, le sàr chomasan conaltraidh ann an sgilean labhairt is sgrìobhaidh. Tha an ìre seo ag amas air eòlas a chur air:
- an tràth teachdail de ghnìomhairean neo-riaghailteach;
- structaran leis a’ chruth neo-fhinideach cuide ri cuspairean dìreach;
- an roimhear ‘ann’ le buadhairean sealbhach gus structaran ‘nam/nad’ a chruthachadh.
Nithear cuideachd leasachadh air briathrachas ùr a chuireas ris na structaran air a bheil eòlas aig an oileanach mar-thà.
Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.
Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu susbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.
Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF:
An Cùrsa Adhartais: Modal 1
Cùrsaichean Ceuma Sabhal Mòr Ostaig: Bliadhna 1
SCQF 6 – SQA Àrd-ìre: Gàidhlig
SCQF 7 – SQA Àrd-ìre Adhartach: Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)
Lìbhrigeadh a’ Chùrsa
Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin), le trì clasaichean ann gach latha:
- Clas 1: 09.30 – 10.45
- Clas 2: 11.15 – 12.30
- Clas 3: 13.30 – 15.00
Thèid na clasaichean a lìbhrigeadh tro Zoom. Far as urrainnear, cha bhi ach ochdnar sa chlas seach 12 mar as àbhaist.