Skip to content

Gàidhlig Ìre 6 – Air an Làraich: 11 an t-Iuchar 2022

BHO: 11 Iuchar 2022
GU: 15 Iuchar 2022
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Gaidhlig Ìre 6 – Air an Làraich

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh a tha a’ tuigsinn Gàidhlig aig ìre eadar-mheadhanach àrd agus a tha comasach còmhradh a dhèanamh le bhith a’ cleachdadh structairean mionaideach. San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air:

  • san tràth caithte le gnìomhairean riaghailteach is neo-riaghailteach ann an suidheachaidhean cudromach;
  • structaran a tha a’ sealltainn sealbh;
  • structaran a’ cleachdadh àireamhan mionaideach
  • agus an tuiseal ginideach le ainmearan iolra.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas a bharrachd air gràmar, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.

Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu susbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF:
An Cùrsa Inntrigidh: Earrann 3 (Aonad 11–12)
SCQF 6 – SQA Àrd-ìre Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578