Skip to content

Gàidhlig Ìre 10 – Air an Làraich: 11 an t-Iuchar 2022

BHO: 11 Iuchar 2022
GU: 15 Iuchar 2022
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Gàidhlig Ìre 10 – Air an Làraich

Bidh an cùrsa ùr seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh adhartach sa Ghàidhlig a tha air crìoch a chur air Ìrean 1–9 de Chùrsaichean Goirid an t-Sabhail air neo a’ chùrsa Ionnsachadh Tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh. Bidh an cùrsa seo cuideachd freagarrach do dh’fhileantaich a tha airson nan sgilean cànain aca a leasachadh. Cleachdaidh an neach-oide stuthan ionnsachaidh an t-Sabhail agus na stuthan aca fhèin, a’ gabhail a-steach òrain Ghàidhlig, bàrdachd is litreachas, briathrachas adhartach, gràmar is còmhradh. Thèid oileanaich a bhrosnachadh gus an cuid sgilean cruthachail a leasachadh tron Ghàidhlig.

Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu susbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF:
SCQF 8/9
Cùrsa Shabhal Mòr Ostaig ‘Ionnsachadh Tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh’

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578