Skip to content

Gàidhlig Ìre 4 – Air an Làraich: 15 Iuchar 2024

BHO: 15 Iuchar 2024
GU: 19 Iuchar 2024
COSGAIS: £290
COSGAIS (OILEANAICH): £205
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Gàidhlig Ìre 4 – Air an Làraich

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh a tha a’ tuigsinn Gàidhlig aig ìre eadar-mheadhanach ìosal agus a tha comasach air còmhradh nas mionaidiche a dhèanamh le bhith a’ cleachdadh structaran sìmplidh. San ìre seo, thèid leudachadh a dhèanamh air:

  • an tràth teachdail den ghnìomhair ‘bi’;
  • agus na structaran ùra a chaidh ionnsachadh ann an Gàidhlig Ìre 3.

Gheibhear cuideachd beagan ionnsachadh air:

  • structairean ginideach;
  • an tràth caithte den ghnìomhair ‘bi’;
  • agus structaran a tha a’ mìneachadh coimeas.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.

Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu shusbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd Ìre SCQF:
An Cùrsa Inntrigidh: Earrann 2 (Aonad 8–9)
SCQF 5 – SQA Ìre Choitcheann Creideas Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)

Clàr-ama na seachdaine:

Diluain, Dimàirt agus Diardaoin: 09:30 – 16:30
Diciadain: 09:30 – 15:00 (deiseil tràth)
Dihaoine: 10:00 – 12:30

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578