Gàidhlig Ìre 2 – Air-loidhne: 19 an t-Iuchar 2022
BHO: 19 Iuchar 2022GU: 21 Iuchar 2022
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Gàidhlig Ìre 2 – Air-loidhne
Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-tòiseachaidh aig a bheil beagan Gàidhlig. San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air:
- roimhearan ùra, mar ‘anns’ agus ‘às’;
- ro-riochdairean, mar ‘aig’ agus ‘ann’;
- agus structaran coimeasach.
Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar bunaiteach, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.
Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu susbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.
Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF:
An Cùrsa Inntrigidh: Earrann 1 (Aonad 4–6)
SCQF 4 – SQA Ìre Choitcheann Àbhaisteach Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)
Lìbhrigeadh a’ Chùrsa
Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin), le trì clasaichean ann gach latha:
- Clas 1: 09.30 – 10.45
- Clas 2: 11.15 – 12.30
- Clas 3: 13.30 – 15.00
Thèid na clasaichean a lìbhrigeadh tro Zoom. Far as urrainnear, cha bhi ach ochdnar sa chlas seach 12 mar as àbhaist.