Òrain Ghàidhlig le Christine Primrose: 15 Iuchar 2024
BHO: 15 Iuchar 2024GU: 19 Iuchar 2024
COSGAIS: £290
COSGAIS (OILEANAICH): £205
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
**Tha an cùrsa seo làn a-nis. Nach faighnich sibh mun liosta-feitheimh.**
Ionnsaich òrain Ghàidhlig le Christine Primrose, tè de na seinneadairean as cliùitiche ann an Alba air cùrsa goirid aig Sabhal Mòr Ostaig. Gheibh thu cothrom teagasg air leth fhaighinn, is gheibh thu cuideachd cothrom seinn còmhla is ionnsachadh bhon bheartas de dh’òrain thraidiseanta a tha Christine air càrnadh tro beatha.
Thar a’ chùrsa, coimheadar gu h-àraidh ris na stoidhlichean a leithid òrain ghaoil, tàlaidhean, puirt-à-beul agus òrain-luaidh; agus cuspairean mar gaol-dùthcha, eilthireachd, seòladh agus gnothaichean os-nàdarra.
Anns a’ chùrsa seo, bidh thu cuideachd a’ coimhead ri eileamaidean bunasach de ghràmar is fuaimneachadh na Gàidhlig. Nìthear cuideachd sgrùdadh air an dualchas is a’ bhuaidh phoilitigich, shòisealta a bha air cùl nan òran.
Tha an cùrsa seo ag amas air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, agus cha leig iad leas a bhith eòlach air seinn air àrd-ùrlar; ged a bhiodh e gu am buannachd nan robh iad cleachdte ri bhith a’ seinn ann am buidhinn. Bidh cruinneachadh beag de dh’òrain Ghàidhlig air ur teanga ro dheireadh a’ chùrsa.
Mu Christine
Rugadh agus thogadh Christine Primrose ann an Càrlabhagh ann an Eilean Leòdhais far an robh a’ Ghàidhlig mar chànan làitheil, agus tha i air a bhith a’ seinn bho ’s cuimhne leatha. Tha an t-seinn aice air a toirt air feadh an t-saoghail, gu h-àraid ann an Ameireaga, Canada, Astràilia, Èirinn agus pàirtean dhan an Roinn Eòrpa. Tha i a’ teagasg òrain Ghàidhlig air a’ chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ Cholaiste Ghàidhlig anns an Eilean Sgitheanach agus cuideachd air na cùrsaichean goirid aig a’ Cholaiste. Tha i air iomadh duais a thogail airson a cuid seinn, nam measg Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna aig na ‘Trad Awards’ ann an 2009. Ann an 2017 chaidh àite a thoirt dhith ann an Talla Deagh-chliù Ceòl Traidiseanta na h-Alba agus ann an 2018 chaidh urram MBE a bhuileachadh oirre airson an t-seirbheis a thug i, agus a tha i a’ toirt fhathast, do cheòl Gàidhlig, Cultar agus Fòghlam ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.
Cliog an seo gus Christine a chluinntinn leis an òran ‘Àite Mo Ghaoil’, air a sgrìobhadh le Rob Calum MacLeòid às na Gearranan, Eilean Leòdhais.