Skip to content

Tobar an Dualchais: Ceanglaichean Cruthachail – Air-loidhne: 25 an t-Iuchar 2023

BHO: 25 Iuchar 2023
GU: 27 Iuchar 2023
COSGAIS: £145
COSGAIS (OILEANAICH): £145
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Ceanglaichean Cruthachail – Air-loidhne

**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  Nach faighnich sibh mun liosta-feitheimh.**

’S e goireas air-loidhne a th’ ann an Tobar an Dualchais/Kist o Riches a tha ag amas air clàraidhean-fuaim de chultar na h-Alba a thaisbeanadh agus àrdachadh. Tha òrain, ceòl, eachdraidh, bàrdachd, beul-aithris agus sgeulachdan am measg nam prìomh stuthan anns na clàraidhean seo, a chaidh a thogail bho na 1930an suas.

Tha Tobar an Dualchais air cùrsa 3-latha a chruthachadh air a bheil ‘Ceanglaichean Cruthachail’, airson daoine cruthachail (luchd-ealain lèirsinneach, sgrìobhadairean, ceòladairean, tidsearan, luchd-rannsachaidh ùr beul-aithris agus luchd-teagaisg cruthachail) a chòrdadh leotha barrachd ionnsachadh mun ghoireas air-loidhne seo, cò rinn na clàraidhean agus carson, agus an luach a th’ annta dhuinn san latha an-diugh.

Cuiridh luchd-com-pàirt eòlas air na tasglannan a tha a’ biathadh a-steach gu Tobar an Dualchais (Sgoil Eòlais na h-Alba, Cruinneachadh Chanaigh agus BBC Radio nan Gàidheal), a bharrachd air na seanchaidhean mòra a th’ anns an tasglann am pailteas. Coimheadaidh na h-oidean air mar a chleachdar na clàraidhean bhon ghoireas airson cruthachalachd ionadail, eag-eòlas cultarail agus mothachadh àrainneachd.

Thèid an cùrsa a lìbhrigeadh tro mheadhan na Beurla ach bidh e a’ coimhead air nithean dlùth-cheangailte ris a’ Ghàidhlig. ’S e sàr sgoilearan agus luchd-ealain a tha mion-eòlach air na clàraidhean a bhios a’ lìbhrigeadh a’ chùrsa, leithid an Dr Mairi McFadyen agus Raghnaid Sandilands.

Am measg nan seiseanan bidh:

  • A’ phàirt aig tasglannan ionadail ann an cùis-èiginn na gnàth-shìde le Mairi McFadyen
  • Com-pàirteachadh coimhearsnachd cruthachail agus na tasglannan le Raghnaid Sandilands
  • Am mòr-shluagh ri obair-raoin a’ gabhail a-steach rannsachadh-cùise le Mairi McFadyen agus Decker Forrest

Anns a’ chùrsa seo bidh cuideam air com-pàirteachadh cruthachail. Bidh luchd-com-pàirt air am brosnachadh gu bhith a’ smaointinn air mar a tha na clàraidhean a’ toirt buaidh orra, agus gheibh iad dòighean agus misneachadh gus tòiseachadh air faighinn a-mach dè na cothroman a dh’fhaodadh a bhith ann don obair aca fhèin – co-dhiù ’s e pròiseact coimhearsnachd ionadail, obair ealain, pìos sgrìobhaidh no taisbeanadh ciùil a bhios ann.

Ma tha thu airson barrachd fios fhaighinn mun chùrsa, cuir post-d gu Flòraidh Forrest aig:   . Faodaidh tu cuideachd ar leantainn air Facebook agus Twitter, far am faigh thu na naidheachdan as ùire mun ghoireas air-loidhne seo.

Eisimpleirean bho Thobar an Dualchais:

  • Màiri Mhoireasdan air a clàradh le Iain Latharna Caimbeul ann an 1950 a’ gabhail an t-òran pìobaireachd ‘A Cholla Mo Rùin’.
  • Annag Arnott air a clàradh le Calum Iain MacIllEathain a’ gabhail an srath spè ‘Falbhaidh Mise ’s Padra Mòr’.
  • Aonghas MacIllFhialain ag aithris ‘Duan na Ceàrdaich’ airson Iain Latharna Caimbeul ann an 1949.

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578