Skip to content

Gàidhlig Ìre 8 – Air an Làraich: 07 an Lùnastal 2023

BHO: 07 Lùnastal 2023
GU: 11 Lùnastal 2023
COSGAIS: £280
COSGAIS (OILEANAICH): £195
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Gàidhlig Ìre 8 – Air an Làraich

**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  Nach faighnich sibh mun liosta-feitheimh.**

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh aig a bheil eòlas làidir air a’ Ghàidhlig, le sàr chomasan conaltraidh ann an sgilean labhairt is sgrìobhaidh. B’ e amasan na h-ìre seo:

  • leasachadh a dhèanamh air comas nan oileanach gus an tràth teachdail de ghnìomhairean neo-riaghailteach a’ chleachdadh;
  • leasachadh a dhèanamh air comas nan oileanach gus riochdairean pearsanta ann an cruth neo-fhinideach a’ chleachdadh;
  • leasachadh a dhèanamh air comas nan oileanach gus structaran ‘nam/nad’ a’ chleachdadh ann an suidheachaidhean co-cheangailte ri dreuchdan;
  • briathrachas ùr a’ chleachdadh a chuireas ris na structaran air a bheil eòlas aig an oileanach mar-thà.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.

Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu susbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF:
An Cùrsa Adhartais: Modal 2
Cùrsaichean Ceuma Sabhal Mòr Ostaig: Bliadhna 1
SCQF 7 – SQA Àrd-ìre Adhartach: Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578
/*
*/