Skip to content

Gàidhlig Ìre 1 – Air an Làraich: 05 Lùnastal 2024

BHO: 05 Lùnastal 2024
GU: 09 Lùnastal 2024
COSGAIS: £290
COSGAIS (OILEANAICH): £205
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Gàidhlig Ìre 1 – Air an Làraich

Bidh an cùrsa seo freagarrach do fhìor luchd-tòiseachaidh gun Ghàidhlig sam bith – m.e. daoine aig NACH EIL eòlas ionnsachaidh a-cheana, leithid Duolingo no clasaichean ionadail*. San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air:

  • àireamhan ann an structaran eadar-dhealaichte;
  • mar a bhios tu a’ bruidhinn ri daoine, agus a’ faighinn a-mach cò às a tha iad;
  • mar a bhios tu ag innse is a’ faighneachd mu rudan a tha daoine a’ dèanamh, a leithid am beatha fhèin, obair no cur-seachadan;
  • agus mar a bhios tu a’ bruidhinn air sealbh.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar bunaiteach, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.

*Ma tha eòlas ionnsachaidh Gàidhlig agad mar-thà, math dh’fhaodte gum biodh ìre nas àirde na bu fhreagarraiche dhut.

Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu shusbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd Ìre SCQF:
An Cùrsa Inntrigidh: Earrann 1 (Aonad 1–3)
SCQF 3 – SQA Ìre Choitcheann Bunaiteach Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)

Clàr-ama na seachdaine:

Diluain, Dimàirt agus Diardaoin: 09:30 – 16:30
Diciadain: 09:30 – 15:00 (deiseil tràth)
Dihaoine: 10:00 – 12:30

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578