Skip to content

Gàidhlig Ìre 3 – Air an Làraich: 05 Lùnastal 2024

BHO: 05 Lùnastal 2024
GU: 09 Lùnastal 2024
COSGAIS: £290
COSGAIS (OILEANAICH): £205
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Gàidhlig Ìre 3 – Air an Làraich

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh a tha a’ tuigsinn Gàidhlig aig ìre eadar-mheadhanach ìosal agus a tha comasach air còmhradh a dhèanamh le bhith a’ cleachdadh structaran sìmplidh. San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air:

  • an tràth theachdail den ghnìomhair ‘bi’;
  • agus structaran ùra den leithid ghnàthasach, àithneach, tuairisgeulach agus cheangalach.

Bidh cothrom ann cuideachd do luchd-ionnsachaidh leudachadh air an cuid eòlais air na diofar tràthan agus air ro-riochdairean.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.

Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu shusbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd Ìre SCQF:
An Cùrsa Inntrigidh: Earrann 2 (Aonad 7–8)
SCQF 4 – SQA Ìre Choitcheann Àbhaisteach Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)
SCQF 5 – SQA Ìre Choitcheann Creideas Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)

Clàr-ama na seachdaine:

Diluain, Dimàirt agus Diardaoin: 09:30 – 16:30
Diciadain: 09:30 – 15:00 (deiseil tràth)
Dihaoine: 10:00 – 12:30

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578