Skip to content

Beartas Cainnt, le Ailig Dòmhnallach (Bhaltois)

BHO: 05 Lùnastal 2024
GU: 09 Lùnastal 2024
COSGAIS: £290
COSGAIS (OILEANAICH): £205
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Ailig Bhalois

**Tha an cùrsa seo làn a-nis, nach faighnich sibh mun liosta-feitheimh.**

Còmhradh is Cainnt le Ailig ‘Bhaltois’ Dòmhnallach

Chaidh an cùrsa seo a tharraing le chèile dhaibhsan aig a bheil deagh thomhas de Ghàidhlig mar-thà, ach a tha airson na comasan aca a thoirt air aghaidh chun na h-ath-ìre gus an urrainn dhaibh an cuid Ghàidhlig a dhèanamh cho siùbhlach is gnàthasach ’s a ghabhas.  Ged a thèid cuideam a chur air sgilean labhairt, èisteachd is fuaimneachaidh gach oileanaich a leasachadh, coimheadar cuideachd ri cnàmhan a’ chànain tro abairtean, sean-fhaclan, gnàthasan-cainnt agus dualchainnt.

’S ann às an Eilean Sgitheanach fhèin a tha Ailig ‘Bhaltois’ Dòmhnallach is a’ Ghàidhlig aige on ghlùin – fad grunn bhliadhnaichean tha Ailig air a bhith gu mòr an sàs ann an craoladh rèidio is telebhisein agus foghlam Gàidhlig do dh’inbhich aig gach ìre. A bharrachd air a bhith a’ teagasg ann an Roinn na Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain ceithir latha san t-seachdain, tha fèill mhòr air na comasan teagaisg aige am measg bhuidhnean de gach seòrsa air feadh Alba leithid Ceòlas is air feadh an t-saoghail, gu ruige Canàda, Ameireagaidh is a’ Ghearmailt.  Tric cluinnidh sibh Ailig air BBC Rèidio nan Gàidheal, agus tha e gu mòr an sàs a bhith ag eadar-theangachadh sgriobtaichean airson chartùnaichean chloinne agus a’ lìbhrigeadh ghuthan airson nan dearbh phrògraman.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF

An Cùrsa Adhartais
Ìre 8, Ìre 9 is Ìre 10 nan Cùrsaichean Goirid
Cùrsa Fhlòdaigearraidh

Mura h-eil sibh cinnteach am biodh an ìre seo a’ freagairt oirbhse, na biodh leisg oirbh idir fòn no post-d a chur thugainn.

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578