Gàidhlig Ìre 4 – Air an Làraich: 15 an Lùnastal 2022
BHO: 15 Lùnastal 2022GU: 19 Lùnastal 2022
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Gaidhlig Ìre 4 – Air an Làraich
Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh a tha a’ tuigsinn Gàidhlig aig ìre eadar-mheadhanach ìosal iagus a tha comasach air còmhradh nas mionaidiche a dhèanamh le bhith a’ cleachdadh structaran sìmplidh. San ìre seo, thèid leudachadh a dhèanamh air:
- an tràth teachdail den ghnìomhair ‘bi’;
- agus na structaran ùra a chaidh ionnsachadh ann an Gàidhlig Ìre 3.
Gheibhear cuideachd beagan ionnsachadh air:
- structairean ginideach;
- an tràth caithte den ghnìomhair ‘bi’;
- agus structaran a tha a’ mìneachadh coimeas.
Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.
Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu susbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.
Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF:
An Cùrsa Inntrigidh: Earrann 2 (Aonad 8–9)
SCQF 5 – SQA Ìre Choitcheann Creideas Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)