Sgoil Fhìdhlearachd Adam Sutherland 2 an Lùnastal 2021
BHO: 02 Lùnastal 2021GU: 06 Lùnastal 2021
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Sgoil Fhìdhlearachd Adam Sutherland- air an Làraich
Nach tig sibh an cuideachd Adam airson 5 làithean de rannsachadh, taic-ciùil agus spòrs le fìdheall.
Anns a’ chùrsa seo bidh sùil ga toirt air na dòighean ionnsachaidh a dh’obraicheas còmhla airson leudachadh air tuigse is meas air sgilean fìdhlearachd. A bharrachd air a bhith ag ionnsachadh phort àlainn ùra, bheir an clas sùil mhionaideach air measgachadh, ruitheam is cruthachadh ciùil. Gheibh sibh cuideachd cothrom ionnsachaidh air dòighean air teicneòlas a chleachdadh airson ur cuid ciùil a leasachadh. ‘S e amas a’ Chùrsa gum fàg sibh uile le ceòl ùr agus sibh nas comasaiche air cluich ann an dòighean às am faigh thu fhèin toileachas agus deagh mhisneachd.
Tha an cùrsa seo freagarrach dha fìdhlearan aig ìrean eadar-mheadhanach gu adhartach. ‘S ann tro èisteachd a dh’ionnsaicheas daoine air a’ chùrsa seo ach gheibhear ceòl sgrìobhte aig deireadh a’ chùrsa. Thathar ag iarraidh air daoine a thighinn le am fìdheall fhèin, inneal clàraidh, agus a bhith fosgailte nan cuid bheachdan ciùil.
’S ann à Earaghaidh, taobh Loch Nis, a tha Adam. ‘S e fear de na fìdhlearan agus den luchd-teagaisg fìdhle is sgrìobhadairean ciùil as fhèarr ann an Alba. Tha e air a bhith a’ cluich ann an iomadh còmhlan-ciùil soirbheachail air an robh fèill mhòr. Tha beairteas ciùil cliùiteach aig Adam agus ri fhaicinn air bhideothan air YouTube air feadh an t-saoghail. Tha e nis gu bhith dol a-mach air a cheann fhèin, is a’ cluich a chuid ciùil fhèin, còmhla ri còmhlan de luchd-ciùil sònraichte Albannach.
Brùth an seo airson tuilleadh fiosrachaidh mu Adam.