Skip to content

Sloinntearachd

BHO: 17 Faoilleach 2023
GU: 07 Màrt 2023
COSGAIS: £80
COSGAIS (OILEANAICH): £70
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Sloinntearachd

(Genealogy – tro mheadhan na Gàidhlig)

Le Caoimhín Ó Donnaíle

Thèid an clas seo a theagasg eadar 19:00 agus 20:00 gach oidhche Mhàirt, 8 uairean a thìde uile gu lèir thairis air ochd seachdainean, bho 17/01/23 gu 07/03/23.

’S e cùrsa practaigeach a tha seo. Thairis air a’ chùrsa, bidh thu a’ cruthachadh craobh-sloinnidh dhut fhèin (no airson caraid), le taic agus comhairle bhon neach-teagaisg a bhios a’ cumail sùil air do chraoibh mar a tha i a’ fàs bho sheachdain gu seachdain.

Thèid an cùrsa a theagasg tron Ghàidhlig, ach cha leig thu leas a bhith gu math fileanta airson pàirt a ghabhail, fhad ’s a tha thu comasach air tuigsinn, agus comasach a’ mhòr-chuid a ràdh sa Ghàidhlig. Bidh sinn foighidneach ri luchd-ionnsachaidh.

Bidh thu a’ cruthachadh craobh-sloinnidh dhut fhèin anns an t-siostam Webtrees. Chì thu eisimpleirean an seo. Às dèidh a’ chùrsa, faodaidh tu cumail ort ag obair air do chraoibh ann an Webtrees ma thogras tu. Bidh i fhathast ann, agus bidh daoine eile nad theaghlach comasach air logadh a-steach cuideachd le facal-faire agus do chraobh fhaicinn ma bheireas tu cead dhaibh. Air neo, bidh thu comasach air do chraobh às-portadh bho Webtrees gu siostam sloinntearachd eile ma thogras tu.

Anns na clasaichean, thèid taisbeanach le screen-share air Zoom mar a lorgas tu fiosrachadh air siostaman leithid ScotlandsPeople.gov.uk, no Ancestry.co.uk, no FindMyPast.co.uk, agus mar a chuireas tu am fiosrachadh sin a-steach ann an Webtrees. Faodaidh tu fhèin duilgheadas sam bith a th’ agad a thaisbeanadh le screen-share, gus taic agus comhairle fhaighinn.

Chan eil sgilean mòra coimpiutaireachd a dhìth idir, ach bu chòir dhut a bhith comasach air faidhlichean a luchdadh suas agus a-nuas ( download / upload ), agus air dealbhan a chropadh.

Bidh feum agad air creideasan a cheannach dhut fhèin aig ScotlandsPeople, gu h-àraid ma tha sinnsireachd agad ann an Alba. Thathar an dùil gum bi gu leòr ann an £30 de chreideasan gus tòiseachadh air ScotlandsPeople anns a’ chùrsa, ach bidh sin a’ crochadh gu mòr ort fhèin agus air na bu mhiann leat a dhèanamh.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578