Skip to content

Bogsa-Putain le Fergie Dòmhnallach MBE & Raibeart Nairn: 10 den Iuchar 2023

BHO: 10 Iuchar 2023
GU: 14 Iuchar 2023
COSGAIS: £280
COSGAIS (OILEANAICH): £195
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

‘S e seo an 10mh bhliadhna a tha Sabhal Mòr Ostaig air fàilte bhlàth a chur air Raibeart Nairn is Fergie Dòmhnallach air a’ chùrsa air leth seo. ‘S ann à Muideart a tha Raibeart is Fergie agus tha an dithis aca air sàr chliù a chosnadh ann an saoghal ceòl dannsa na h-Alba.

Anns a’ chùrsa còig-làithean seo, gheibh thu cothrom air fuinn is sgilean ionnsachadh le Raibeart, agus teagasg is comhairle a bharrachd air iomadh stoidhle cluiche, gu h-àraid dòigh-chluich nan Garbh-chrìochan, cuide ri Fergie fhèin. Bidh cothrom ann air teagasg aghaidh-ri-aghaidh cuide ri Fergie fhaighinn cuideachd.

Mu Fhergie is Raibeart

Chaidh Raibeart a thogail ann am Mùideart is e ag èisteachd ri Fergie air a’ bhogsa bho aois glè òg, agus fhuair e teagasg air a’ bhogsa-phiana leis an neach-ciùil ainmeil, Dougie Mac an t-Sealgair, à Loch Abar. An uair sin, chaidh a theagasg le Calum (Malky) Rothach às a’ chòmhlan Meantime, agus dh’fhàs e glè mheasail air a’ bhogsa-phutain, an t-inneal-ciùil as fheàrr leis a-nis. A bharrachd air a bhith a’ cluiche cuide ri iomadh còmhlan-ciùil, is e a-nis a’ cluiche leis a’ chòmhlan aige fhèin, bidh Raibeart ri chluinntinn aig bainnsean, ann an taighean-òsta, taighean-seinnse is cèilidhean air feadh na h-Alba is thall thairis. Tha e cuideachd air nochdadh air iomadh prògram telebhisein, a bharrachd air a’ phrògram ainmeil air BBC Radio na h-Alba, “Take the Floor”, cuide ri Robbie Shepherd.

Chan eil duine ann an saoghal ceòl traidiseanta na h-Alba cho ainmeil ri Fergie Dòmhnallach, agus tha e air brosnachadh nach beag a thoirt do dh’iomadh ginealach a luchd-ciùil ann an Loch Abar, air a’ Ghàidhealtachd agus nas fhaide air falbh, o chionn iomadh bliadhna. ‘S e a liut air a’ bhogsa a dh’adhbharaich a shoirbheachadh maireannach ann an saoghal a’ chiùil agus an clàr aig a choisinn àite aig àireamh a h-aon ann sna ‘charts’ an linn The Beatles! ‘S e fear tàlantach dha-rìribh a th’ ann am Fergie agus a tha anabarrach math air sgeulachdan aithris; mar sin, ‘s e cothrom air leth a tha seo air teagasg fhaighinn bho neach-ciùil cliùiteach a bha thall ‘s a chunnaic!

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578
/*
*/