Skip to content

Àrc-eòlas an Eilein Sgitheanaich, le Steven Birch

BHO: 08 Giblean 2024
GU: 12 Giblean 2024
COSGAIS: £290
COSGAIS (OILEANAICH): £205
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Thèid an cùrsa seo a theagasg sa Bheurla.

Tha mòran fianais againn air tuineachadh anns an Eilean Sgitheanach, an dà chuid eachdraidheil agus bho linntean ro-eachdraidheil, agus eòlas againn air grunn làraichean is charraighean tro shuirbhidhean is sgrùdaidhean àrc-eòlach. Tha àrc-eòlas an Eilein gu sònraichte beairteach, agus tòrr fiosrachaidh ann air dòighean-cleachdaidh na talmhainn thar 10,000 bliadhna, bho linntean nan sealgairean is trusaichean is iasgairean às dèidh an linn-deighe mu dheireadh gu ruige àm nam Fuadaichean san 18mh is 19mh linntean.

Bheir an cùrsa seo sealladh seachad air cruthan-tìre àrc-eòlach an Eilein Sgitheanaich le eòlas ann a tha stèidhichte air an dà chuid, seann sgrùdaidhean agus rannsachadh an latha an-diugh, a’ toirt a-steach pròiseactan coimeirsealta bhon a h-uile ceàrnaidh den eilean. Chòrdadh an cùrsa seo ri daoine aig a bheil ùidh ann an eachdraidh is àrc-eòlas an Eilein Sgitheanaich, is sinn a’ cleachdadh thaisbeanaidhean is chòmhraidhean, seann mhapaichean is feadhainn ùr, ainmean-àite is dhòighean sgrùdaidh eile, leithid National Record of the Historic Environment agus Highland Historic Environment Record. Bidh tursan rannsachaidh ann gu làraichean àrc-eòlais san Eilean, agus bidh oileanaich a’ cur an làmhan fhèin an sàs anns an rannsachadh gus an tèid aca air eòlas a chur air diofar sheòrsachan de làraichean is feartan.

Bidh sinn a’ coiseachd air talamh garbh air a’ chùrsa seo agus mar sin feumaidh comas a bhith aig oileanaich is iad deiseil airson coiseachd air talamh mar sin. Feumar aodach dìonach is brògan làidir a chosg a bhios freagarrach don a h-uile seòrsa sìde.

Mu Steven Birch
Tha Steven na stiùiriche aig West Coast Archaeological Services (a chaidh stèidheachadh ann an 1998), agus tha e ag obair na neach-cùmhnaint àrc-eòlais is a’ tabhann ghoireasan gu caochladh roinnean poblach a leithid roinnean togail, einnseanaireachd, bhun-ghoireasan is coilltearachd, cho math ri buidhnean coimhearsnachd is daoine fa leth air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Bidh e a’ tabhann co-chomhairleachadh a thaobh sgrùdaidhean buile àrainneachdail agus rannsachadh do phròiseactan dualchais.

Choisinn Steven ceum MA ann an Àrc-eòlas na h-Alba aig Oilthigh Obar Dheathain ann an 2005 agus bha e na bhall de Research Committee of the Society of Antiquaries of Scotland (2006 gu 2008) agus Scottish Archaeological Research Frameworks (ScARF), is e a’ suidhe air am Palaeolithic and Mesolithic Panel aca (2009 gu 2010).

Tha a chuid rannsachaidh a’ toirt a-steach iomadh cuspair an lùib àrc-eòlas Bhreatainn sa h-uile linn, ach tha ùidh shònraichte aige ann an linn ro-eachdraidheil na h-Alba, a leithid a’ chiad luchd-tuineachaidh is mar a chleachdadh iad uamhan. Tha Steven na shàr eòlaiche air cladhach àrc-eòlach agus tha e air a bhith na stiùiriche agus an sàs ann an grunn phròiseactan air feadh na h-Alba, a lethid Uamh an Àrd-achaidh ann an Srath an Eilein Sgitheanaich agus ann an uamh-fhasgaidh Fhiosgabhaig san Eilean, agus cuideachd air pròiseact àrc-eòlach air baile Chrombaigh sna meadhan-aoisean agus pròiseact air uamhan Rois Mhaircnidh (an dà chuid san Eilean Dubh). Bha e ag obair aig Home Farm ann am Port Rìgh agus Ionad-slàinte an Àth Leathainn, am measg phròiseactan eile san Eilean. Bha e an sàs cuideachd ann an grunn sgrùdaidhean cruth-tìre san Eilean Sgitheanach is a’ clàradh làraichean àrc-eòlach is fheartan eachdraidheil is ro-eachdraidheil.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578