Skip to content

Seachdain Ensemble le Ross Couper is Hamish Napier: 01 Iuchar 2024

BHO: 01 Iuchar 2024
GU: 05 Iuchar 2024
COSGAIS: £290
COSGAIS (OILEANAICH): £205
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Hamish Napier

Às dèidh Seachdain Ensemble mòr-chòrdte air a theagasg le Ross Couper is Hamish Napier ann am 2023, tha sinn làn-thoilichte cothrom leasachadh cruthachas ciùil a thabhainn a-rithist, le dithis oide air leth sònraichte.

Bheir an t-seachdain fa leth seo sealladh air dòighean-obrach a bhios luchd-ciùil traidiseanta is proifeiseanta a’ cur gu feum airson rianan fuinn a thogail. Ionnsaichidh tu caochladh mhodhan-riain air an lìbhrigeadh le dòighean eadar-obrachail ‘s dèantanach. Chaidh an cùrsa seo a leasachadh airson ionnsramaidean-ciùil traidiseanta, ach ma tha ceistean sam bith agad air co-fhreagarrachd ionnsramaidean eile, nach leig thu fios thugainn.

Feumar comas eadar-mheadhanach airson a’ chùrsa seo. Gu mì-fhortanach cha bhi e freagarrach gu fìor luchd-tòiseachaidh idir. Ma tha thu nad chluicheadair chlasaigeach gun eòlas air ceòl thraidiseanta, mholamaid gum bu chòir dhut a bhith aig ìre adhartach gus am faigh thu buannachd às. A-rithist, nach cuir thu fios thugainn ma bhios ceistean sam bith agad.

Cleachdaidh an cùrsa seo an dà chuid ionnsachadh air chluais agus leughadh ciùil. Mura h-eil comas ciùil-leughaidh agad, gheibh thu brosnachadh ceum no dhà a leughadh airson an sgil seo a leasachadh, ach chan eilear an dùil gun fheum thu dad a leughadh sa bhad. Faodaidh oileanaich fuinn ‘s rianan a chlàradh.

‘S e rùn a’ chùrsa sgilean ciùil air fad a leasachadh.

Clàr-ama na seachdaine:

Diluain, Dimàirt agus Diardaoin: 09:30 – 16:30
Diciadain: 09:30 – 15:00 (deiseil tràth)
Dihaoine: 10:00 – 12:30

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578