Gàidhlig airson Luchd-labhairt na Gaeilge (Luchd-tòiseachaidh) – Air an Làraich: 15 Iuchar 2024
BHO: 15 Iuchar 2024GU: 19 Iuchar 2024
COSGAIS: £290
COSGAIS (OILEANAICH): £205
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Tha an cùrsa Gàidhlig airson luchd-labhairt na Gaeilge seo air a dhealbhadh gu sònraichte dhaibhsan aig a bheil Gaeilge mar-thà agus aig nach eil càil air neo dìreach rud beag Gàidhlig.
‘S ann air a’ chànan labhairteach agus an diofar eadar Gàidhlig is Gaeilge a bhios cuid mhath den obair stèidhichte aig toiseach na seachdain (m.e. dè an t-ainm a th’ ort, càit an do rugadh tu, càit a bheil thu a’ fuireach), le dearbhadh sgrìobhte. Thèid cuideam a chur air fuaimneachadh cuideachd.
Bidh seo bonntaichte air structaran cànain is gràmar ceart aig an toiseach agus feumalachdan an luchd-ionnsachaidh: ‘s iad sin ainmearan, buadhairean, gnìomhairean, co-ghnìomhairean, faclan ceiste agus eisimpleirean practaigeach, labhairteach is sgrìobhte, is mar a thèid an cleachdadh. Thèid an t-ionnsachadh a thoirt air adhart aig ìre a bhios freagarrach do na h-oileanaich fhad ‘s a nì iad adhartas tron t-seachdain.
Thèid bàrdachd is rosg a thoirt a-steach nuair a bhios sin iomchaidh gus briathrachas a neartachadh is a leasachadh. Tha gnàthasan-cainnte, seanfhaclan is samhlaidhean feumail san t-seagh seo.
Bidh cothroman anns a’ chlas a h-uile latha airson bruidhinn ri chèile is Gàidhlig a chur an diofar shuidheachaidhean, agus an cànan a thèid ionnsachadh a rèir structaran sa chlas a chleachdadh.
Tha an cùrsa seo a’ faighinn taic bho COLMCILLE. ’S e compàirteachas eadar Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig a th’ ann an Colmcille, a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig agus Gaeilge an Èirinn agus an Alba agus eadar an dà dhùthaich. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu thaic-airgid nan cùrsaichean seo, faodaidh sibh bruidhinn ri Foras na Gaeilge aig ro 5f, Dihaoine 05 Giblean.
Bidh eàrlas £150 aig prìs àbhaisteach neo air £100 aig prìs do dh’oileanaich ri phàigheadh, nach urrainnear a phàigheadh air ais.
Clàr-ama na seachdaine:
Diluain, Dimàirt agus Diardaoin: 09:30 – 16:30
Diaciadain: 09:30 – 15:00 (deiseil tràth)
Dihaoine: 10:00 – 12:30