Gàidhlig airson luchd-labhairt na Gaeilge (Luchd-adhartaich): 22 an t-Iuchar 2024
BHO: 22 Iuchar 2024GU: 26 Iuchar 2024
COSGAIS: £290
COSGAIS (OILEANAICH): £205
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
**Tha an cùrsa seo làn a-nis. Faighnich mun liosta-fheitheimh.**
’S ann dhaibhsan aig a bheil Gaeilge a tha air crìoch a chur air a’ chùrsa luchd-tòiseachaidh a tha an cùrsa seo, air neo dhaibhsan aig a bheil deagh bhun-stèidh sa chànan mar-thà. Thèis ath-sgrùdadh a dhèanamh air na chaidh ionnsachadh mar-thà; mar sin, ‘s e an cànan labhairteach air am bithear ag obair aig toiseach na seachdain, le dearbhadh sgrìobhte. Thèid cuideam a chur air fuaimneachadh fad an t-siubhail cuideachd.
Thèid an ìre sa air adhart gu luath gus cuideam a chur air a’ chànan labhairteach ann an suidheachaidhean foirmeil is neo-fhoirmeil, anns am bi leughadh, sgrìobhadh, dràma, bàrdachd, gnàthasan-cainnt, seanfhaclan, samhlaidhean, ainmean-àite is òrain an lùib deagh thaghadh de ghoireasan.
Tha an cùrsa seo a’ faighinn taic bho COLMCILLE. ’S e compàirteachas eadar Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig a th’ ann an Colmcille, a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig agus Gaeilge ann an Èirinn agus ann an Alba agus eadar an dà dhùthaich. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu thaic-airgid nan cùrsaichean seo, faodaidh sibh bruidhinn ri Foras na Gaeilge aig ro 5f, 05 den Ghiblean.
Bidh eàrlas £150 aig prìs àbhaisteach neo air £100 aig prìs do dh’oileanach ri phàigheadh, nach urrainnear a phàigheadh air ais.
Clàr-ama an t-seachdain:
Diluain, Dimàirt agus Diardaoin clasaichean bho 9:30m gu 4:30f
Diciadain deiseil tràth 9:30m gu 3f
Dihaoine 10m gu 12:30f