A’ Phìob Bheag le Ross Ainslie: 29 Iuchar 2024
BHO: 29 Iuchar 2024GU: 02 Lùnastal 2024
COSGAIS: £290
COSGAIS (OILEANAICH): £205
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Bhiodh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ciùil eadar-mheadhanach gu adhartach.
Bidh Ross a’ teagasg ann am buidhnean agus tro bhith a’ cluiche, ged a bhios ceòl sgrìobhte ann ma bhios feum, agus bidh measgachadh de phuirt eadar-nàiseanta ann is e a’ toirt sùil air a’ phìob agus innealan-ciùil, dòighean cluiche is puirt seisein eile. Thoir leat a’ phìob agus am feadan agad fhèin, oir ’s ann le sin a nì sinn a’ mhòr-chuid den ionnsachadh. Bhiodh inneal clàraidh feumail cuideachd.
Mu Ross
’S e Ross Ainslie aon den luchd-chiùil is sgrìobhaichean ciùil as fheàrr an Alba, is bidh e a’ cluich na pìoba, fhìdeagan agus cittern. Tha e air cliù a chosnadh airson a chuid ciùil aonair agus bidh e a’ cluich gu cunbhalach le còmhlanan a leithid Treacherous Orchestra (a stèidhich e le luchd-ciùil eile) Salsa Celtica, Dougie Maclean, Ali Hutton, Jarlath Henderson, Charlie Mckerron, Tim Edey, Hamish Napier, India Alba, agus tha e cuideachd air cluich còmhla ri Kate Rusby, Blue Rose Code, Zakir Hussain, Trilok Gurtu, Capercaillie, Shooglenifty, Carl Barat, Papon, Karsh Kale, Flook, Breabach, Soumik Datta agus Patsy Reid.
Rugadh Ross ann an Siorrachd Pheairt an 1983, agus bha e na bhall de Chòmhlan Pìoba Perth and District na òige, agus an uair sin Còmhlan Pìoba Vale of Atholl, far an robh e fo stiùir a’ phìobaire Gordon Duncan. Thug spiorad ùr-ghnàthach is ceòl iomraiteach Gordon buaidh mhòr air Ross mus do thòisich e a’ sgrìobhadh a’ chiùil aige fhèin. Choisinn e àite ann an cuairt dheireannach na co-fharpais BBC Radio Scotland Young Traditional Musician of the Year ann an 2002.
Tha Ross air ceithir clàran aonair a chlàradh gu ruige seo: Wide Open, ann an 2013; Remembering, ann an 2015; Sanctuary, ann an 2017; agus Vana, ann an 2020. Tha e air moladh mòr saoghal a’ chiùil a chosnadh tro iomadh duais, a leithid ‘Còmhlan Dithis As Fheàrr’ aig na BBC Radio 2 Folk Awards cuide ri Ali Hutton ann an 2017, is chaidh ainmeachadh airson na duais ceudna ann an 2018. Chaidh Ross ainmeachadh mar ‘Sgrìobhaiche Ciùil na Bliadhna’ ann an 2015, agus choisinn Sanctuary àite air geàrr-liosta ‘Clàr na Bliadhna’ ann an 2018. Choisinn a chiad chlàr, Wide Open, an 9mh àite air liosta ‘50 Clàr Albannach as Fheàrr’ anns an Sunday Herald ann an 2013.
Clàr-ama an t-seachdain:
Diluain, Dimàirt agus Diardaoin clasaichean bho 9:30m gu 4:30f
Diciadain deiseil tràth 9:30m gu 3f
Dihaoine 10m gu 12:30f