Strings ‘n’ Things: 07 Lùnastal 2023
BHO: 07 Lùnastal 2023GU: 11 Lùnastal 2023
COSGAIS: £280
COSGAIS (OILEANAICH): £195
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Nach tig sibh nar cuideachd le ‘Sensational Summer String Orchestra’, a th’ air a chur ri chèile le Adam Sutherland ‘s Emma Tomlinson.
Bidh Emma agus Adam a’ stiùireadh oileanaich gu h-ealanta tro dhòighean-cluiche shònraichte agus measgachadh de dh’fhuinn anns an nòs Albannach.
Bidh pàirtean sìmplidh is èifeachdach ann, air an sgrìobhadh an dà chuid a bhith furasta rin cluich agus a bhith air leth drùidhteach.
Tron t-seachdain, cuiridh oileanaich eòlas air tòrr dhòighean-cluiche a tha freagarrach airson cluich còmhla is ann am buidhnean mòra agus air dòighean eagrachaidh cuideachd.
Bidh seo fosgailte do chluicheadairean na fìdhle, na viola, na cello, is a’ bheus-dhùbailte aig ìrean eadar-mheadhanach no aig ìre adhartach, agus a tha eòlach air stoidhle ciùil sam bith.
Cuirear cuideam air plòigh is dibhearsan sa cheòl fad an t-siubhail, le rud beag Gàidhlig ann gach latha.
Clàr-ama an t-seachdain:
Diluain, Dimàirt agus Diardaoin clasaichean bho 9:30m gu 4:30f
Diciadain deiseil tràth 9:30m gu 3f
Dihaoine 10m gu 12:30f