Skip to content

Dannsa Ceum

BHO: 09 Màrt 2019
GU: 10 Màrt 2019
COSGAIS: £100
COSGAIS (OILEANAICH): £80
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

 

 

 

 

‘Tiugainn a dhannsa!’

’S e dannsair traidiseanta às a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sophie Stephenson, agus a cuid stoidhle stèidhichte air an dannsa-ceum. Tha fèill mhòr oirre mar dhannsair sgileil agus mar thidsear dealasach, ann an Alba agus thall thairis. Tha i air co-obrachadh le iomadh pròiseact ciùil, dràma, film agus foghlaim, agus tha i air a bhith ag obair còmhla ri luchd-ciùil Albannach a leithid Donald Shaw, Dàimh, Huradal, Talisk, Capercailie agus Fara, cho math ri luchd-ciùil eadar-nàiseanta a leithid Carlos Nuñez, Xabi Aburruzaga, Anxo Lorenzo, Còig, Oreka TX agus The East Pointers.

Bidh Eilidh Scaimeal às an Eilein Sgitheanach agus Màiri Chaimbeul à Dun Èideann còmhla ri Sophie air an deireadh-sheachdain shònraichte seo, airson measgachadh de dhannsa traidiseanta a leithid srath spèithean, sigean agus ridhleachan a theagasg. ’S e dannsa spòrsail, sprogail agus sòisealta a tha ann an dannsa-ceum, freagarrach dhan a h-uile duine a dh’aindeoin aois. Mas e seo a’ chiad uair agad air dannsa-ceum fheuchainn no ma tha thu air dannsa-ceum a dhèanamh roimhe agus tha thu airson a dhà no trì steapaichean ùra ionnsachadh – ‘s e seo an dearbh chùrsa dhut! Thèid do bhrosnachadh gus ur stoidhle fhèin a chur gu feum, stoidhlichean ùra fheuchainn agus rannsachadh a dhèanamh air na dòighean chruthachail agus air ruitheam an dannsa-ceum, anns an dà chuid dannsa aon-neach agus dannsa sòisealta. Bidh cothrom air a’ chùrsa còmhradh air saoghal nas fharsainge an dannsa-cheum, air saoghal cultarail an dannsa agus air eachdraidh an dannsa-ceum ann an Ceap Breatainn agus Alba.

Thoir leat botal uisge agus brògan le buinn chruaidh airson dannsa!

Feumar a bhith 16+ airson an cùrsa seo a fhrithealadh.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578