Dannsa-ceum Cheap Breatainn agus Innse Gall
BHO: 17 Lùnastal 2020GU: 21 Lùnastal 2020
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
|
|
**Thoir an aire gu bheil na roghainnean àite-fuirich againn air atharrachadh a-nis. Cha bhi sinn a’ tabhann ach àiteachan-fuirich LE BIADH NAN LÙIB a-nis. Faic an duilleag àite-fuirich againn airson an tuilleadh fiosrachaidh**
Dannsa-ceum Cheap Breatainn agus Innse Gall
Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte an cùrsa ùr Dannsa-ceum Cheap Breatainn agus Innse Gall còmhla ri Mats Melin a thabhann ann an 2020.
Anns a’ chùrsa seo, bidh thu ag ionnsachadh ciamar a chuireas tu dannsa-ceum Cheap Breatainn agus Innse Gall ann an seagh dannsa sòisealta coimhearsnachd.
Bidh thu ag ionnsachadh dhannsaichean-ceum gu dearbh ach bidh cuid mhòr den chùrsa ga cosg air ciamar a chuireas tu na ceuman, a leithid dannsa ceàrnaig agus ridhleachan, an sàs aig dannsaichean sòisealta. Bheir sinn sùil air ciamar a nì thu teagasg air na dannsaichean seo gu h-èifeachdach cuideachd. Bidh cothrom agad na sgilean ùra agad a chur an sàs cuide ris a’ chùrsa fhìdhlearachd a bhios a’ dol aig an aon àm.
Feumar beagan eòlais a bhith agad air dannsa-ceum mar-thà – chan eil an cùrsa seo freagarrach do luchd-tòiseachaidh.
Mu dheidhinn Mats:
‘S ann às an t-Suain a tha an dannsair traidiseanta, neach-teagaisg agus neach-rannsachaidh Mats Melin. Tha Mats air a bhith ag obair mar dhannsair proifeiseanta ann an Alba bho 1995 agus ann an Èirinn bho 2005. Tha e air obair a dhèanamh gu saor-thoileach air feadh an t-saoghail agus tha e air a bhith na Dhannsair Traidiseanta Còmhnaidheach aig ceithir ùghdarrasan ionadail ann an Alba. Stèidhich e a’ bhuidheann ‘Dannsa’ ann an 1999. Bha e na bhall den Chomataidh Dannsa aig Comhairle Ealain na h-Alba agus den Bhuidhinn Obrach air na h-Ealain Thraidiseanta aig Riaghaltas na h-Alba agus tha e na oifigear air Fòram Dannsa Traidiseanta na h-Alba an-dràsta. Tha e na òraidiche dannsa agus na neach-stiùiridh air a’ chùrsa MA Dannsa Èireannach agus Ethnochoreology aig Dámh Chruinne Èireann – Rince agus Ceól (Acadamaidh Eadar-nàiseanta na h-Èireann – Dannsa agus Ceòl) aig Oilthigh Luimneach ann an Èirinn. Sgrìobh e an leabhar, ‘One with the Music: Cape Breton Step Dancing Tradition and Transmission’, foillsichte le Clò Oilthigh Cheap Breatainn ann an 2015 agus ‘A Story to Every Dance’ is ‘Hebridean Step Dancing’, foillsichte le Lorg Press ann an 2018 is 2019.
Tha an tuilleadh fiosrachaidh air Mats an seo