Skip to content
Picture of staff member

Gwen C. NicGuaire

Òraidiche & Stiùiriche Modailean - Foghlam Thidsearan

01471 888 321

Tuairisgeul pearsanta

’S ann às an Eilean Dubh ò thùs a tha Gwen NicGuaire is i niste ann an Slèite. Rinn i BA (le Urram) Cànan agus Cultar aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2003. Mus tàinig Gwen air ais gu Sabhal Mòr OOstaig a bhith na h-oide air am BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam, agus mar Stiùiriche Chùrsa PGDE (Slighe Ghàidhlig – bun-sgoil & àrd-sgoil), rinn i PGCE aig Oilthigh Shrath Chluaidh, agus an uair sin bha i ag obair ann am bun-sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd mar tidsear agus ceannard. ‘S i Gwen air cùl Oideas, pod-chraoladh mu fhoghlam Ghàidhlig, agus tha i cuideachd air a bhith an sàs ann an leasachadh goireasan litearras na bun-sgoile le Lasadh.

Teisteanas

BA (Urram) Cànan agus Cultair na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig PGCE (Bun-sgoil) Oilthigh Srathchluaidh

Teagasg

UQ508507: Foghlam Gàidhlig ann an Alba (Stiùiriche) UQ509840: Clann agus an Ionnsachadh (Stiùiriche) UQ509841: Greisean-sgoile 1 UQ510854: An Neach-dreuchdail Breithneachail agus Feòrachail UQ510854: Greisean-sgoile 2 UX110005: Practas Proifeasanta (PGDE – bun-sgoil)

Fios a bharrachd

Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578