Pod-chraoladh ùr: Oideas
Tha pod-chraoladh Gàidhlig ùr, Oideas, ga chur air bhog air a’ mhìos seo. ’S e sreath de dh’agallamhan mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig a bhios ann, agus anns gach pod-chraoladh, bidh Gwen NicGuaire, òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ bruidhinn ri sàr-eòlaichean àrd-sgoile no bun-sgoile mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr.
Tha sinn ag amas air leasachadh proifeiseanta do dh’oileanaich teagaisg agus luchd-teagaisg. Ach, do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, ‘s e deagh chothrom a th’ ann èisteachd ri tidsearan agus eòlaichean a’ cnuasachadh is a’ còmhradh.

