Alumni an t-Sabhail air an ainmeachadh mar phreasantairean SpeakGaelic
’S iad alumni Sabhal Mòr Ostaig, preasantairean BBC agus na rionnagan meadhanan sòisealta Joy Dunlop agus Calum MacIllEathain a bhios aig cridhe iomairt ionnsachaidh ùr, SpeakGaelic, a tha ag amas air daoine a thàladh chun a’ chànain.
Tha na goireasan ionnsachaidh ùra Gàidhlig aig SpeakGaelic inntinneach agus àrd-amasach, a’ tabhann frèam-obrach farsaing airson na Gàidhlig ionnsachadh thairis air telebhisean, BBC iPlayer, BBC Sounds, an eadar-lìon, clasaichean aghaidh-ri-aghaidh, agus YouTube, a thuilleadh air meadhanan sòisealta eile.
Tha mòran luchd-amhairc BBC Scotland agus BBC ALBA eòlach air a bhith a’ faicinn Joy Dunlop, às a’ Choingheal ann an Earra-Ghàidheal, mar riochdaire na h-aimsir, seinneadair agus neach-conaltraidh air prògraman.
Thuirt Joy:
“Mar neach a tha air a bhith ag ionnsachadh fad mo bheatha, tha làn fhios agam mun dùbhlan buadhmhor a tha an cois a bhith ag ionnsachadh cànan, agus mar sin, tha e air leth tarraingeach dhomh-sa a bhith mar phàirt de phròiseact a bhios a’ toirt air luchd-ionnsachaidh na sgilean Gàidhlig aca a chur gu feum thairis air taghadh cho farsaing de mhodhan ionnsachaidh.
“Tric, bidh daoine a’ faighneachd dhomh ‘dè an dòigh as fheàrr Gàidhlig ionnsachadh?’ ’S e tha cho math mu dheidhinn SpeakGaelic, gu bheil e a’ tabhann uiread de roghainnean dhut air mar a dh’ionnsaicheas tu, a’ ciallachadh gum faigh thu dòigh a tha a’ freagairt ort fhèin.”
Tha Calum MacIllEathain aithnichte air na meadhanan sòisealta airson a bhith ri cur-seachadan air a’ bhlàr a-muigh, (leithid ‘dùbhlan nam meanbh-chuileagan’), agus bidh e a’ taisbeanadh ùidh ann a bhith a’ snàmh ann an uisgeachan na h-Alba anns a’ phrògram BBC ALBA, Dhan Uisge.
Thuirt Calum, a bhios a’ cur pìosan bhon bhlàr a-muigh ri prògraman SpeakGaelic:
“’S e urram a th’ ann a bhith a’ cur ri ionnsachadh dhaoine eile, agus a bhith a’ toirt orra tlachd fhaighinn às a’ chànan, gu sònraichte leis gur e àm air leth cudromach a tha seo a thaobh na tha sinn a’ tabhann dhaibhsan a tha airson a bhith nan luchd-labhairt Gàidhlig.
“Tha mi fìor dhèidheil air eòlas a thoirt seachad dhaibhsan aig a bheil ùidh ann, gu sònraichte leis gun urrainn dhomh a dhèanamh ann an dòigh a fhreagras orm fhèin, a’ fighe na Gàidhlig ris a’ bhlàr a-muigh.
“Tha an cànan, agus na tha cho tarraingeach mu dheidhinn do dhaoine, gu mòr stèidhte air an àrainneachd nàdarrach againn ann an Alba, agus mar sin ’s e ceum nàdarra a th’ ann an t-àm ri teachd airson ionnsachadh na Gàidhlig a bhith a’ tighinn às a sin cuideachd.”
A’ bruidhinn às leth bòrd pròiseict SpeakGaelic, thuirt cathraiche MG ALBA, Iseabail Nic an t-Sagairt:
“Tha SpeakGaelic gu bhith mar an t-iomairt ionnsachaidh Gàidhlig as iomlan a th’ air a bhith ann fad ginealach. ’S e àm air leth inntinneach agus togarrach a th’ ann a bhith ag ainmeachadh gur iad Joy agus Calum – dithis phearsa tarraingeach agus làidir – a bhios a’ lìbhrigeadh nam prògraman.
“’S ann dhaibhsan le ùidh ann a bhith a’ cleachdadh a’ chànain a tha SpeakGaelic; dhaibhsan a tha air tòiseachadh air ionnsachadh mar thà, dhaibhsan nach eil cho misneachail mun cuid comasan, dhaibhsan a tha gu tur ùr dhan chànan agus dhuinn uile a tha air turas ionnsachaidh fad-beatha.
“Tha sinn uile a tha sa cho-bhanntachd air ar dòigh glan mu bhith a’ cruthachadh nan cothroman seo tro SpeakGaelic airson a’ choimhearsnachd air fad an cuid Ghàidhlig a chleachdadh – #cleachdi!”