Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis BPA – Òraid an t-Sabhail 2026
Tha e a’ toirt mòran toileachais dhuinn cuireadh a thoirt dhuibh don ath òraid san t-sreath – Òraidean an t-Sabhail.
Thèid òraid na bliadhna-sa a thoirt seachad leis an Leas-Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson na h-Eaconamaidh agus Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba, Ceit Fhoirbeis BPA.
Thèid an òraid a thoirt seachad ann an Talla Dhonaidh Chaimbeil, Àrainn Chaluim Chille, Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, aig 2f Dihaoine 06 Màrt 2026.
‘S e tiotal na h-òraid – Na tha san amharc: Adhartas dhan Ghàidhlig san ath Phàrlamaid.
San ath phàrlamaid, dè bu chòir dha na coimhearsnachdan againn a bhith an dùil ris bho na ceannardan poileataigeach againn? Tha na chunnaic sinn sna bliadhnaichean a dh’fhalbh a’ dearbhadh dhuinn gum bu chòir dhuinn a bhith an dùil ri barrachd. Dè na buannachan a chì sinn anns na coimhearsnachdan againn agus ciamar a bu chòir dhuinn planadh air an son?
Tha sinn an dòchas gun tèid agaibh air a thighinn nar cuideachd airson na h-òraid agus na cuirm dheochan an dèidh làimh.
Ma tha sibh an dùil a bhith an làthair cuiribh freagairt gu ro 27 Gearran 2026.
Tha Òraid an t-Sabhail a-nis mar phrìomh thachartas ann am bliadhna chultarail na h-Alba is i air iomadach òraidiche iomraiteach a thàladh thar nam bliadhnachan, a leithid: Uachtaráin no Cinn-suidhe na h-Èireann, Máire Mhic Róibín is Máire Mhic Ghiolla Íosa; seann Sheansalair is Prìomh-mhinistear na h-Alba, Gòrdan Brown; seann Phrìomh-mhinistearan na h-Alba, Dòmhnall Mac an Deòir nach maireann is Ailig Salmond nach maireann; an sgrìobhadair is eòlaiche eachdraidh, An Dr Seumas Mac an t-Sealgair; Sir Charles Duncan Rice nach maireann, a bha roimhe na Phrionnsapal aig Oilthigh Obar Dheathain (1996-2010); agus iomadach neach cliùiteach eile bhon a h-uile ceàrnaidh de bheatha phoblach, phoilitigeach, fhoghlaim is chultarail na h-Alba.
Thèid an òraid a chraoladh beò cuideachd, clàraich gu h-ìosal agus gheibh thu an ceangal air latha na h-òraid.
Tha na leanas a’ toirt taic-urrasachd fhialaidh do dh’Òraid Bhliadhnail Sabhal Mòr Ostaig: James MacQueen Building Contractors Earranta, R.HOUSE Earranta, Uisge-beatha is Sineubhar bho Phràban na Linne is Fearann Eilean Iarmain.

