Soirbheas le Slighe gu Teagasg 2026
Meal a naidheachd air an 9 sgoilearan a chur crìoch air a’ chùrsa Slighe gu Teagasg aig Sabhal Mòr Ostaig bhon 09–12 Màrt am-bliadhna.
B‘ e seo a’ chiad bhliadhna a bha iarrtasan fosgailte do sgoilearan ÀS5/6 air feadh na h-Alba. Abair thusa gun tàinig measgachadh de sgoilearan, à Barraigh, Inbhir Pheofharain, Gleann Challdair, Inbhir Nis agus Glaschu.
’S e cùrsa sònraichte a th’ ann an Slighe gu Teagasg, a chaidh a dhealbh le òraidichean Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig. ’S ann do sgoilearan ÀS5/6 aig a bheil ùidh ann an teagasg sa Ghàidhlig a tha e. Gheibh iad cothrom beagan a bharrachd fhaighinn a-mach mu chùrsaichean aig ìre cholaiste agus mu bheatha oileanaich aig Sabhal Mòr Ostaig.
Bha clàr-ama làn am-bliadhna eadar clasaichean mu dhreuchd an tidseir, seinn le Christine Primrose, dràma le Fèisean nan Gàidheal agus beul-aithris os-nàdarra le Tobar an Dualchais. Air an oidhche, bha cothroman ann pàirt a ghabhail ann an seisean iomain le oileanaich an t-Sabhail, buidheann còmhraidh Srùbag, seisean ciùil ann an togalach Chomann nan Oileanach agus farpais-cheist san Talla Mhòr. Bha seo uile le fòcas sònraichte air teagasg agus mar a thèid na cuspairean is gnìomhan seo a chleachdadh ann an suidheachadh na sgoile.
Bha sinn cho fortanach leis a’ bhuidheann sgoilearan a fhuair sinn am-bliadhna, measgachadh de dh’fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bha iad air leth deònach a’ Ghàidhlig aca a chleachdadh ann an àrainneachd bogaidh na Colaiste, agus thug co-dhiù triùir aca ionnsramaidean ciùil leotha. Tha sinn an dòchas gum faic sinn sibh a-rithist aig Sabhal Mòr Ostaig airson hòro-gheallaidh eile! Ar taing do Bhòrd na Gàidhlig a-rithist a mhaoinich an cùrsa seo dhuinn.
Tha sinn gu mòr an dòchas gum bi cothrom againn an cùrsa a ruith an-ath-bhliadhn’ a-rithist agus gum bi e an comas dhuinn fàilte a chur air tuilleadh sgoilearan le ùidh ann an teagasg agus Gàidhlig!

