Foghlam Bogaidh aig Ìre Bun-sgoile ann an Èirinn: Beachdan bho Rannsachadh Nàiseanta
Diciadain 06 Cèitean 2026, 16:00
Bidh an siathamh seisean beò againn sa Phrìomh Ionad Foghlam Gàidhlig mar phàirt den Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg na chothrom èisteachd ri Claire Dunne, Iar-Ollamh ann an Teagasg Cànain san Institiud Foghlam aig Oilthigh Bhaile Àtha Cliath.
San t-seisean seo, bidh sinn a’ sgrùdadh eòlasan foghlaim tro mheadhan na Gaeilge aig ìre na bun-sgoile ann an Èirinn. Gu sònraichte, cuiridh sinn fòcas air co-dhùnaidhean bho rannsachadh nàiseanta air buannachdan foghlaim bogaidh, na dùbhlain a tha ann, agus na taicean a tha a dhìth ann am foghlam tro mheadhan na Gaeilge. Bidh sinn cuideachd a’ sgrùdadh leasachadh comas dà-chànanach agus ioma-chànanach ann am foghlam tro mheadhan na Gaeilge, agus dòighean gus taic a thoirt do chom-pàirteachaidhean ann am foghlam bogaidh. Tha an seisean seo stèidhichte air an aithisg Foghlam Bogaidh aig Ìre na Bun-sgoile ann an Èirinn: Beachdan bho Rannsachadh Nàiseanta a tha ri fhaighinn an seo.
Thèid an seisean a lìbhrigeadh sa Bheurla.
Cò bu chòir a bhith an làthair: Tha na tachartasan seo air an cur air dòigh airson proifeiseantaich a tha ag obair ann am foghlam ann an Alba. Nuair a bhios tu a’ clàradh, cleachd seòladh puist-d sgoile, ùghdarrais ionadail no Glow, no seòladh puist-d proifeiseanta eile ceangailte ris an dreuchd agad. Mur eil dòigh agad air sin a dhèanamh, cuir fios thugainn aig agus thèid againn àite a ghlèidheadh dhut.
Clàraich an seo: https://events.teams.microsoft.com/event/edf8129b-180d-4bd7-a58f-4fe9ce87b27c@6e725c29-763a-4f50-81f2-2e254f0133c8

