Na h-àiteachan mu dheireadh rim faotainn air cùrsa bogaidh làn-mhaoinichte
Chan eil ann ach beagan àiteachan làn-mhaoinichte air fhàgail do dhaoine ann an sgoil shamhraidh Ghàidhlig Shabhal Mòr Ostaig, An Cùrsa Drochaid, a tha air a bhith ga ruith airson trì bliadhna.
Bidh an cùrsa bogaidh Gàidhlig, a mhaireas seachd seachdainean, a’ tòiseachadh air 29 Ògmhios 2026 aig Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach. Chaidh an cùrsa a dhealbh mar shlighe a-steach chun a’ chùrsa bhogaidh Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig, An Cùrsa Comais CertHE, cùrsa fad bliadhna a dh’fhaodas cuideachd a bhith mar a’ chiad bhliadhna do dhaoine a tha airson ceum a dhèanamh.
’S e 30 Giblean 2026 an ceann-latha airson iarrtasan airson na sgoile samhraidh. Tha làn-mhaoineachadh ann airson chìsean, àite-fuirich agus biadh do luchd-iarrtais a gheibh àite, agus gheibh iad cothrom am bogadh fhèin sa Ghàidhlig fhad ’s a tha iad ag ionnsachadh is a’ fuireach aig Sabhal Mòr Ostaig agus iad ag ullachadh airson foghlam oilthighe.
Thuirt an t-Iar-Phrionnsapal is Stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig, an Dr Marsaili NicLeòid:
“Chan e a-mhàin gu bheil sinn ag ionnsachadh tron agus mun Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig – ’s i cànan coimhearsnachd is beatha na Colaiste.
“Bidh sinn a’ ruith a’ Chùrsa Drochaid, an cùrsa bogaidh Gàidhlig làn-mhaoinichte againn, thairis air seachd seachdainean as t-samhradh, agus gheibh oileanaich an cothrom misneachd fhaighinn sa chànan fhad ’s a tha iad mar phàirt de choimhearsnachd làidir Ghàidhlig ann an Slèite.
“Tha an sgoil shamhraidh mar dhrochaid do dhaoine, aig nach robh an cothrom Gàidhlig ionnsachadh fhathast, gu ruige ar prògraman bogaidh Gàidhlig agus prògraman ceuma Gàidhlig.
“Tha an t-iarrtas airson foghlam Gàidhlig a’ sìor dhol am meud, agus tron Chùrsa Drochaid thathar a’ dèanamh obair chudromach gus an ath ghinealach de luchd-labhairt, luchd-dreuchd agus ceannardan coimhearsnachd na Gàidhlig oideachadh.
“Chan eil ann ach beagan àiteachan air fhàgail, agus mar sin tha sinn a’ moladh do dhaoine aig a bheil ùidh sa chùrsa – eadar daoine a bhios a’ fàgail na sgoile, daoine a tha air bliadhna a ghabhail dheth, agus luchd-ionnsachaidh fad-beatha – iarrtas a chur a-steach cho luath ’s a ghabhas agus an cothrom air leth seo a ghabhail.”
Seo an treas bliadhna aig a’ Chùrsa Drochaid, a tha air soirbheachadh gu mòr, agus tha tòrr de na h-oileanaich a rinn an cùrsa roimhe a-nis air a’ Chùrsa Comais CertHE, an cùrsa bogaidh aig Sabhal Mòr Ostaig, a bhios a’ fosgladh dhorsan gu barrachd ionnsachaidh sa Ghàidhlig no dreuchd Ghàidhlig a thoirt a-mach.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt maoineachadh dhan Chùrsa Drochaid – Sgoil Shamhraidh Inntrigidh Ghàidhlig. Cuir iarrtas a-steach agus gabh a’ chiad cheum air slighe na Gàidhlig.
Cuiridh SAAS na riaghailtean a thaobh cùrsaichean a rinneadh roimhe an dàrna taobh airson chùrsaichean bogaidh CertHE aig Sabhal Mòr Ostaig. Faodaidh oileanaich a tha air maoineachadh fhaighinn airson ceum no teisteanas HN cheana maoineachadh fhaighinn airson an dà chùrsa seo fhathast.

