Skip to content

CLASAICHEAN COIMHEARSNACHD 2025

Bidh clasaichean coimhearsnachd aghaidh ri aghaidh a’ gabhail àite ann an sgìre Shlèite. Bidh sinn a’ cur barrachd chùrsaichean an seo tron bhliadhna, ach ma tha cùrsaichean sam bith ann a chòrdadh leat fhaicinn, nach leig thu fios thugainn an seo no air: .

CINN-LÀ IS CÙRSAICHEAN

GÀIDHLIG A1 (Pàirt 2): LUCHD-TÒISEACHAIDH LE BEAGAN GÀIDHLIG – AIG A’ CHRÙBH

Tha Sabhal Mòr Ostaig is Iomairt Chamus Chros & Dhuisdeil toilichte a bhith ag obair còmhla gus sreath de chlasaichean Gàidhlig a thabhann aig a’ Chrùbh a’ tòiseachadh a-rithist san t-Samhain.

Bidh na clasaichean seo (A1 Pàirt 2) ag amas air luchd-tòiseachaidh aig a bheil beagan Gàidhlig mar-thà, is iad a’ leantainn chuspairean 6-9 den chùrsa SpeakGaelic A1. Bhiodh na clasaichean seo freagarrach do dhaoine a tha air cuspairean 1-5 SpeakGaelic A1 a dhèanamh mar-thà, air neo daoine a tha air rudan coltach ri sin ionnsachadh tro shlighean ionnsachaidh eile, leithid Duolingo, Chùrsaichean Goirid is eile.

Fad deich seachdainean (14/11/2419/12/24 & 09/01/25 – 30/01/25)
12:30 – 14:00 gach Diardaoin

Cosgais gu lèir: £50
Pàrantan/Seann-phàrantan FtMG: £25

GÀIDHLIG A1 (Pàirt 3): LUCHD-TÒISEACHAIDH LE BEAGAN GÀIDHLIG – AIG SABHAL MÒR OSTAIG

Tha Sabhal Mòr Ostaig toilichte innse gum bi clasaichean coimhearsnachd SpeakGaelic A1 a’ tòiseachadh a-rithist san t-Samhain air làrach na colaiste.

Bidh na clasaichean seo (A1 Pàirt 3) ag amas air luchd-tòiseachaidh aig a bheil beagan Gàidhlig mar-thà, is iad a’ leantainn chuspairean 10-13 den chùrsa SpeakGaelic A1. Bhiodh na clasaichean seo freagarrach do dhaoine a tha air cuspairean 1-9 SpeakGaelic A1 a dhèanamh mar-thà, air neo daoine a tha air rudan coltach ri sin ionnsachadh tro shlighean ionnsachaidh eile, leithid Duolingo, Chùrsaichean Goirid is eile.

Fad deich seachdainean (11.11.24 – 16.12.24) & (06.01.25 – 27.01.25)
Gach Diluain: 19:00 – 20:30

Cosgais gu lèir: £50
Pàrantan/Seann-phàrantan FtMG: £25

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578