Cleachdaidhean is cuimhneachain air Oidhche Shamhna
’S iomadh rud annasach is èibhinn a chluinnear agus a chithear air Oidhche Shamhna, nach ann an uair sin a theirear gamhna ris na laoigh!
’S e oidhche shònraichte a th’ ann a bha bho shean air a faicinn mar àm dhen bhliadhna nuair bhiodh an doras eadar an saoghal againne agus an saoghal os-nàdarra a’ fosgladh pìos beag no pìos mòr! Tha diofar chleachdaidhean aig daoine ann an diofar dhùthchannan agus sgìrean, agus tha mar a bhios daoine a’ comharrachadh na h-oidhche air atharrachadh thar nam bliadhnaichean.
Seo dhuibh na cuimhneachain aig triùir dhaoine bho dhiofar ghinealaich à Slèite san Eilean Sgitheanach agus iad ag innse dhuinn mu na bha a’ tachairt air Oidhche Shamhna.
Teàrlach MacGilleBhràth (78), An Àird, Slèite:
“Bhiodh sinn a’ dol mun cuairt agus uaireannan bhiodh cuideigin a’ cur aodach annasach orra. Fhuair cuideigin aodann coimheach agus coltas air mar gum biodh gur e aodann duine a bh’ ann. Bha thu ga shlaodadh ort. Tha cuimhne a’m a bhith a’ dol a-staigh gu aon taigh agus bha an duine air e fhèin a dhreasaigeadh suas na bhoireannach agus chuir e an t-aodann coimheach a bha seo air. Shaoileadh tu gur e aodann duine a bh’ ann. Bha e eadar-dhealaichte bho na h-aodainn eile a gheibheadh tu, bha e air a dhèanamh a-mach à rubair. Tha cuimhne a’m, chaidh sinn a-staigh dhan taigh a bha seo agus bha a’ chailleach a’ coimhead oirnn agus cha robh i a’ dèanamh a-mach cò bh’ ann. Thuirt aon de na cailleachan ri a piuthar, uill, ‘cha mhill an coltas co-dhiù e!’
“Tha cuimhne agam cuideachd, ann an linn m’ athar is mo mhàthar air Oidhche Shamhna chaidh balaich gu taigh bodach is cailleach. Dh’fhuirich iad gus an robh am bodach is a’ chailleach nan cadal sa chlòsaid agus nach do dh’fhalbh iad agus chuir iad aodach air na h-uinneagan. Tha e coltach gun do dhùisg am bodach is a’ chailleach aig an àm a b’ àbhaist dhaibh a bhith ag èirigh sa mhadainn agus bha e dubh dorcha agus tha e coltach gun robh a’ chailleach a’ canail ris a’ bhodach ‘thalla a laighe, chan eil an t-àm ann èirigh fhathast.’ Co-dhiù, dh’fheuch am bodach ri cadal agus cha b’ urrainn dha cadal, cha chreid mi nach deach uair a thìde no dà uair a thìde seachad. Mu dheireadh, thuirt e, ‘tha mise a’ falbh, chan urrainn dhòmhsa fuireach san leabaidh tuilleadh.’ Dh’èirich e, tha e coltach, agus nuair a chaidh e a-staigh dhan chidsin, choimhead e air a’ chloc agus bha e aon uair deug. Chaidh e a-mach agus chunnaic e an t-aodach air na h-uinneagan!”
Rhona Mahon (48), Tarsgabhaig, Slèite:
“Nuair a bha mi fhìn is mo bhràthair òg, b’ àbhaist dhuinn a bhith a’ dol timcheall nan taighean. Bhiodh sinn a’ dol chun a’ mhòr-chuid de na taighean sa bhaile bheag againn. Bhiodh m’ athair is mo mhàthair a’ draibheadh timcheall còmhla rinn, agus bhiodh iadsan a’ feitheamh a-muigh sa chàr no uaireannan bha iadsan a’ tighinn a-staigh. Bha againn ri gnogadh air an doras agus feitheamh gus an tigeadh cuideigin. Bhiodh agad ri òran a sheinn, no pìos beag bàrdachd a dhèanamh no joke innse. Bha na h-òrain agus a’ bhàrdachd againn ceangailte ri Oidhche Shamhna fhèin. Bha sinn ag ionnsachadh òrain Oidhche Shamhna anns an sgoil leis an tidsear chiùil againn, Mrs Strachan. Mar sin, bha na h-òrain againn freagarrach airson guising. Tha cuimhne agam air aon dhiubh leis an ainm ‘Gobalina’ – sin ainm na piseig aig bana-bhuidseach!
“A thaobh an aodaich a bhiodh oirnn, bha sinn an-còmhnaidh a’ dèanamh an aodaich againn fhìn, cha robh sinn a’ ceannach càil ach na masgaichean. B’ àbhaist prògram, ‘Metal Mickey’, a bhith air an telebhisean le ròbot. Mar sin, aon bhliadhna bha mo bhràthair na ròbot. Bha dà bhogsa ann, fear air a bhodhaig agus fear air a cheann agus feumaidh gun do rinn e toll airson aodann. Chuir e tinfoil timcheall air, bha tinfoil air na casan agus air na gàirdeanan aige. Bha sin uabhasach math. Chaidh mi fhìn a-mach aon turas le poca sgudail orm, poca dubh sgudail. Chaidh mi a-mach mar sgudal, agus chuir mo mhàthair pìosan sgudail orm! Bha e math, bhiodh sinn a’ dol gu taighean dhaoine agus bhiodh iad ag innse stòiridhean caran eagallach dhuinn.”
Emily NicDhòmhnaill (16), Camas Chros, Slèite:
“Nuair a bha mi na b’ òige ’s e àm spòrsail a bh’ ann an Oidhche Shamhna agus thug e dhuinn cothrom deiseachan eagalach agus èibhinn a chosg. Fhad ’s a bha mi sa bhun-sgoil bhiodh partaidhean Oidhche Shamhna againn far an do chluich sinn geamannan agus chosg a’ chlann uile aodach-brèige a leithid bana-bhuidseach, ialtag-fhala agus beothaichean de gach seòrsa. Aig aon àm bha partaidh againn san Talla Dhearg agus bha an seòmar sgeadaichte ann an stuthan Oidhche Shamhna. Gach bliadhna ann an Camus Chros, bidh clann a’ bhaile a’ tighinn còmhla air Oidhche Shamhna gus tadhal air taighean dhaoine feuch am faigh iad suiteas. Ach, gus na suiteis fhaighinn dh’fheumadh sinn co-dhiù cleas a dhèanamh neo òran a sheinn agus gach bliadhna ghabh mise òran Gàidhlig. Aig taighean eile bha geamannan aca neo dùbhlain airson na suiteis fhaighinn – ’s e glacadh ùbhlan aon dhe na rudan a b’ fheàrr leamsa. Às dèidh seo bhiodh na pocannan againn làn, le orainsear neo dhà am measg nan suiteas!”
Chan ann dìreach ann an Slèite a bha an spòrs agus fealla-dhà air Oidhche Shamhna: ’s iomadh sgìre sna h-Eileanan agus air a’ Ghàidhealtachd far an robh cleachdaidhean àraid aca agus le cuid de na cleachdaidhean sin gheibheadh tu fios air cò bha thu a’ dol a phòsadh.
Seo dhuibh dithis a tha a’ toirt iomradh air na cleachdaidhean Samhna san sgìre aca co-cheangailte ri pòsadh, dithis a tha a’ nochdadh am measg nan clàraidhean air Tobar an Dualchais. Ma chliogas sibh air na ceanglaichean fo na faclan aca, cluinnidh sibh na clàraidhean às an deach na faclan seo a thogail air làrach-lìn Tobar an Dualchais.
An t-Urramach Tormod Dòmhnallach, Bhaltos, An t-Eilean Sgitheanach:
“’S e Oidhche Shamhna oidhche cho toilichte ’s a bh’ againn fad na bliadhna. ’S iomadh cleas a bha sinn a’ dèanamh air Oidhche Shamhna. Bha aon sònraichte ann a bha a’ toirt spòrs agus àbhachdas gu leòr dhuinn mar chloinn. Bha e air a ràitinn nan rachadh duine a dh’ionnsaigh allt no tobar a bha mar chrìoch eadar dà chrait no eadar dà bhaile, air Oidhche Shamhna agus gun òladh e balgam uisge … ach dh’fheumadh e am balgam a chumail na bheul gun leigeil leis dòrtadh a-mach às a bheul. Nan leigeadh, cha robh feum sam bith sa chùis … Co-dhiù, nan racte leis a’ bhalgam uisge a dh’ionnsaigh taigh sam bith agus seasamh san doras, ann an sin agus am balgam nur beul, ag èisteachd, gus an cluinneadh sibh, nam b’ e gille a bh’ ann, ainm a’ chiad bhoireannaich, mas e nighean a bh’ ann, ainm a’ chiad fhireannaich. Agus ’s e sin an t-ainm a bhiodh air an aon a bha sibh a’ dol a phòsadh.”
[Bho: “Cleachdadh Samhna mu Phòsadh”, An t-Urr. Tormod Dòmhnallach (Fiosraiche); Calum Iain MacIlleathain (Neach-clàraidh); àireamh a’ chlàir:SA1953.023, Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann.]
https://www.tobarandualchais.co.uk/track/8580?l=gd
Murchadh MacLeòid, Liùrbost, Leòdhas:
“Bha seana-bhoireannach a bhuineas do Leòdhas ann an Dùn Èideann, tha i an-diugh suas ris a’ cheithir fichead … Bha i ag innse dhomh rudan a bh’ air a dhol às mo chuimhne, ma bha fios a’m a-riamh orra. Bha i ag ràdh gun robh tòrr aca de nòsaichean timcheall mu leannanachd agus mu phòsadh, agus bha i ag ràdh gun robh iad a’ gabhail ugh, agus bha iad ga bhriogadh le prìne, agus bha iad a’ cur beagan dhen a’ ghealagan aige ann an glainne uisge. Agus bha iad a’ cur sin eadar iad ’s an solas, agus nuair a shealladh tu ris, nuair a shealladh tu ris a’ ghealagan, an seòrsa cumadh a bha a’ tighinn air, gum faiceadh tu ann an seòrsa taigh a bhiodh agad nuair a phòsadh tu. ’S bha iad a’ dol an sin chun an ath dhorais leis, chun an taigh a bha an ath dhoras dhaibh, agus bha iad a’ tilgeil a’ bhùirn sin air an uinneig, agus bha thu a’ feitheamh ’s ag èisteachd, agus a’ chiad ainm fireannaich a chluinneadh tu, ’s e sin an t-ainm a bhiodh air an fhear a phòsadh tu. Nise, cha robh fios agamsa air an sin idir, ach na mo latha-sa tha cuimhn’ a’m iad a bhith a’ dol chun nan uinneagan, agus a’ dòrtadh bùrn air na h-uinneagan, agus bhiodh muinntir an taighe a-staigh a’ feitheamh riutha gus an cluinneadh iad fuaim a’ bhùirn air na h-uinneagan, ’s dh’èigheadh iad an uair sin ainm a h-uile seana-ghille a b’ ao-coltaiche na chèile a bha sa bhaile.”
[Bho: “Cleachdaidhean Samhna”, Murchadh MacLeòid (Fiosraiche); Iain Peatarsan (Neach-clàraidh); àireamh a’ chlàir: SA1976.095, Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann.]
https://www.tobarandualchais.co.uk/track/18576?l=gd
Mar sin, thoiribh an aire oirbh fhèin a-nochd agus sibh a’ dol a-mach air Oidhche Shamhna – cò aig a tha fios dè chì sibh no dè chluinneas sibh, agus ’s dòcha gum faigh sibh fios air cò tha sibh a’ dol a phòsadh!
Airson tuilleadh a chluinntinn mu Oidhche Shamhna agus airson tuilleadh fiosrachaidh mu obair Tobar an Dualchais, faodaidh sibh tadhal air an làrach-lìn aca aig www.tobarandualchais.co.uk. Bidh Sabhal Mòr Ostaig ag obair ann an co-bhonn ri Buidheann Stiùiridh Tobar an Dualchais gus prìomhachasan a’ phròiseict a thoirt air adhart agus stiùireadh ro-innleachdail a thoirt dha obair.