Òraid an t-Sabhail 2022 le Seumas Mac an t-Sealgair
Tha sinn anabarrach toilichte gu bheil Òraid an t-Sabhail 2022 gu bhith air a lìbhrigeadh leis an Àrd-Ollamh Seumas Mac an t-Sealgair, sgrìobhadair agus neach-eachdraidh iomraiteach a thug seachad a’ chiad Òraid nuair a thòisich Òraid an t-Sabhail ann an 1990. San Òraid aige, bidh an t-Àrd-Ollamh Mac an t-Sealgair a’ coimhead air eachdraidh leasachadh Shabhal Mòr Ostaig agus a’ moladh an ath cheum gun cuir Sabhal Mòr Ostaig ri leasachadh cànan is cultar na Gàidhlig agus ri leasachadh a coimhearsnachd.
Bidh an Òraid air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Beurla.
Air-Loidhne
Tha tiogaidean an-asgaidh. Airson tiogaidean air-loidhne, glèidh àite aig Eventbrite aig am putan gu h-ìosal.

