Slighean Teagasg agus Ionnsachadh Proifeiseanta – Cùrsaichean agus Maoineachadh
A bheil thu airson a bhith nad thidsear Gàidhlig? A bheil thu a’ coimhead airson dreuchd ùr no ma is e tidsear a th’ annad mar-thà, tha slighean ionnsachaidh againn dhut.
Ma tha ceum agad mar-thà agus thu fileanta ann an Gàidhlig, dh’fhaodadh am PGDE (Slighe Ghàidhlig) a bhith a’ freagairt ort: 9 mìosan gu dreuchd ùr ann am Foghlam Gàidhlig Àrd-sgoile no Bun-sgoile.
Ma ‘s e tidsear Gàidhlig a th’ annad mar-thà, thèid agad ionnsachadh proifeiseanta sònraichte fhaighinn tro MEd ann am Foghlam Gàidhlig – cùrsa pàirt-ùine air a lìbhrigeadh air-loidhne. Tha an ceum a’ leigeil le com-pàirtichean an cuid eòlais, sgilean is tuigse phroifeiseanta a tha iad air leasachadh tron phrògram a chur gu feum gus taic a chumail ri leasachadh san t-suidheachadh obrach aca fhèin. Bhiodh roghainn agad aon bhliadhna, dà bhliadhna no ceum slàn MEd a dhèanamh a rèir an ùine a th’ agad agus an t-suidheachaidh pearsanta agad.
Tha cothroman gu leòr ann am Foghlam Gàidhlig an seo aig Sabhal Mòr Ostaig. Cuir fios thugainn le ceistean sam bith a dh’fhaodadh a bhith agad – tha sinn fosgailte do thagraidhean suas chun an 31.05.2026 airson na cùrsaichean seo.
Faodar iarrtasan airson na cùrsaichean seo a chuir a-steach aig na ceanglaichean gu h-ìosal:
PGDE Foghlam Bun-sgoile (Gàidhlig)
PGDE Foghlam Àrd-sgoile (Gàidhlig)
MEd Foghlam Gàidhlig
Maoineachadh
Tha Sgeama na Bursaraidh Teagaisg fosgailte dhaibhsan a tha airson teagasg ‘Foghlam Bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig‘, ‘Gàidhlig mar Chànan/Cuspair aig ìre Àrd-sgoile’ agus ‘Gach Cuspair Àrd-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig‘. Feumaidh tu a bhith fileanta agus comasach air leughadh agus sgrìobhadh sa Ghàidhlig airson na cùrsaichean Foghlam Gàidhlig a dhèanamh.
Tha cuideachd cothrom maoineachadh a bharrachd fhaighinn bho Bòrd na Gàidhlig bhon an Tabhartasan Trèanadh Teagaisg. Fosglaidh a’ phoit mhaoin seo san Iuchar. Tha seo do dhaoine a tha a’ trèanadh a dh’ionnsaigh dreuchd mar neach-teagaisg Gàidhlig no ann am foghlam tràth-bhliadhnaichean is cùram-chloinne Gàidhlig a tha a dhìth air taic-airgid a bharrachd airson an cùrsa a choileanadh.

