PRÌOMH CHO-LABHAIRT LITREACHAIS NA H-ALBA AIG SABHAL MÒR OSTAIG
Sgoilearan eadar-nàiseanta a’ cruinneachadh san Eilean Sgitheanach air a’ mhìos seo
Bidh Sabhal Mòr Ostaig a’ cumail co-labhairt thairis air deireadh-sheachdain 26-28 den Ògmhios ann an co-bhonn ri Comann Litreachas na h-Alba.
Bidh a’ cho-labhairt, don ainm ‘Trì guthan ar dùthcha’: Sruthan is saobh-shruthan ann an litreachas na Gàidhlig agus litreachasan Albannach eile, agus a tha fosgailte don phoball, a’ sgrùdadh nam buaidhean agus nan ceanglaichean eadar sgrìobhadh sa Ghàidhlig agus sgrìobhadh Albannach eile bhon Ath-bheothachadh Cheilteach agus bhon Ath-bheothachadh Albannach gu toiseach an aona linn air fhichead.
Thuirt An t-Ollamh Meg Bateman, Sabhal Mòr Ostaig:
“Bidh sinn air leth toillichte fàilte a chur air caraidean chun na co-labhairt a tha seo. Bidh i a’ leantainn air dà cho-labhairt eile às an tàinig dà leabhar buadhmhor aig Comann Litreachas na h-Alba: Crossing the Highland Line: Cross-currents in Eighteenth-Century Scottish Writing (2009) agus Gael and Lowlander in Scottish Literature: Cross-currents in Scottish Writing in the Nineteenth Century (2015). Cuiridh an ath leabhar, stèidhichte air pàipearan taghte bhon cho-labhairt seo, crìoch air an t-sreath airson an-dràsta.
“Bidh dà phrìomh òraid ann, is an t-Ollamh Murchadh MacDhòmhnaill ann an aon dhiubh a’ sgrùdadh dealbhan Uilleim Crosbie do Dàin do Eimhir le Somhairle MacGill-Eain (1943). San tèile, bidh Caoimhin MacNèill a’ coimhead air dath, cumadh agus sealladh moralta ann an obair Iain Mhic a’ Ghobhainn.
“A bharrachd air sin, bidh Dòmhnall S. Murray à Leòdhas a’ bruidhinn air bunait dà-chànanach na cruthachalachd agus bidh òraidiche à Sìona a’ coimhead air eadar-theangachaidhean Sìneach de bhàrdachd Ghàidhlig. Tha pàipearan ann mu sgrìobhadairean ann an Albais agus Beurla, nam measg, Nan Shepherd, Helen Cruikshank agus Billy Henderson.”
Gheibhear am prògram slàn agus cothrom clàraidh an seo Co-labhairt Bhliadhnail ASL 2026 – Sabhal Mòr Ostaig
’S e £80 no £60 a’ phrìs airson an deireadh-sheachdain air fad ach tha cìsean làitheil agus seiseanail de £30 agus £20 ann, a’ gabhail a-staigh tì, cofaidh agus greim-bìdh.
Bidh fàilte mhòr air a h-uile duine.

