Co-stiùirichean is Tidsearan Fo-fhastaidh
Tha dithis cho-stiùirichean agus còignear thidsearan fo-fhastaidh na Gàidhlig co-cheangailte ri Fo-ionad na Gàidhlig ag obair còmhla rinn bho gach ceàrnaidh. Seo beagan fios man deidhinn.
CO-STIÙIRICHEAN
ANNA THIRKELL
Òraidiche ann am Foghlam Thidsearan, Sabhal Mòr Ostaig
- Stiùiriche air an MEd Foghlam Gàidhlig
- Òraidiche air cùrsa MEd ann am Foghlam, PGDE agus BA (Urr) Gàidhlig agus Foghlam
- Eòlas air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig bho bhith na tidsear bun-sgoile agus na h-oifigear foghlaim ann an ùghdarras ionadail
- An sàs ann an rannsachadh stèidhichte air modhan-teagaisg bogaidh agus fèin-aithne na Gàidhlig
Ceangal PURE: Anne Thirkell – University of the Highlands and Islands
GWEN NICGUAIRE
Stiùiriche Foghlam Thidsearan, Sabhal Mòr Ostaig
- Stiùiriche prògraim: BA (Urr) Gàidhlig agus Foghlam
- Òraidiche foghlam Gàidhlig air cùrsa PGDE, BA (Urr) Gàidhlig agus Foghlam, agus MEd Foghlam Gàidhlig.
- Eòlas teagaisg aig ìre 3–12 le Curraicealam airson Sàr Mhathais, eòlas mar cheannard sgoil Ghàidhlig le aonad Bheurla.
Ceangal PURE: Gwen MacQuarrie – University of the Highlands and Islands
TIDSEARAN FO-FHASTAIDH
Ciorstaidh Lawson
Ìre: Àrd-sgoil
Ùghdarras Ionadail: Lannraig a Tuath
Ùidhean Rannsachaidh:
- Comas Gàidhlig a leasachadh san t-seòmar-teagaisg
- Sgafallachd airson cànan a leasachadh
- Fèin-aithne Gàidhlig
- A’ brosnachadh sgoilearan ri Gàidhlig a bharrachd a chleachdadh eatarra san t-seòmar-teagaisg
Màiri NicLeòid
Ìre: Bun-sgoil
Ùghdarras Ionadail: Comhairle nan Eilean Siar
Ùidhean Rannsachaidh:
- Feumalachdan taice a bharrachd
- Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
- Bogadh
- In-gabhaltas
- A’ dùnadh a’ bheàirn choileanaidh
Ceanglaichean sam bith eile:
- Sgeulachdan sòisealta: https://gaelic.education/slainte-sunnd/
Lynsey NicFhionnlaigh
Ìre: Bun-sgoil
Ùghdarras Ionadail: Comhairle na Gàidhealtachd
Ùidhean Rannsachaidh:
- Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
- Bogadh
- Leasachadh curraicealaim
- Feumalachdan taic a bharrachd
Lindsey Charnley
Ìre: Bun-sgoil agus Àrd-sgoil
Ùghdarras Ionadail: Comhairle Pheairt agus Chinn Rois
Ishbel NicIllEathain
Ìre: Àrd-sgoil
Ùghdarras Ionadail: Comhairle nan Eilean Siar

