SÀR CHOTHROMAN IONNSACHAIDH Cùrsaichean Bogaidh do Luchd-tòiseachaidh, Oileanaich Eadar-mheadhanach is Fileantaich
Ma tha thu nad neach-ionnsachaidh Gàidhlig, nad fhileantach, no feumach air beagan snas a chur air do chuid Gàidhlig, ’s iad na cùrsaichean bogaidh aig Sabhal Mòr Ostaig an dòigh as luaithe air an cànan ionnsachadh agus do chuid misneachd is sgilean cànain a neartachadh, agus mòran a bharrachd. Bidh cuideachd dibhearsan gu leòr ann air an t–slighe!
Tha cùrsaichean Gàidhlig ann dhut aig a h-uile ìre. Clàraich an seo ma tha ùidh agad!
Bidh Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, a’ tabhann sàr chothroman ionnsachadh bogaidh, rannsachaidh agus cultarach ann an àrainneachd àlainn an Eilein Sgiathanaich agus air-loidhne.

