Skip to content

POILEASAIDHEAN is PLANAICHEAN

Tha na dòighean-obrach, poileasaidhean is planaichean aig Sabhal Mòr Ostaig gan ath-sgrùdadh agus gan ath-leasachadh mar a chithear gu h-ìosal.

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cur ri adhartas a’ phoileasaidh Obair Chothromach an Toiseach aig Riaghaltas na h-Alba. ‘S e obair a bheir guth èifeachdach, cothroman, tèarainteachd, sàsachadh agus spèis don h-uile duine a th’ ann an obair chothromach. Bidh e a’ cothromachadh chòraichean agus uallaichean luchd-fastaidh is luchd-obrach agus a’ cruthachadh bhuannachdan do dhaoine fa leth, do bhuidhnean agus don phoblach san fharsaingeachd.

Tha sinn ag amas air àrainneachd obrach dheimhinneach a thabhann far am faigh gach neach-obrach taic gus cur gu math rir cuid obrach. Tha seo air a shealltainn tro bhith:

  • Pàigheadh co-dhiù an fhìor Thuarastal Bith-beò;
  • Lìbhrigeadh dhòighean iomchaidh airson guth èifeachdach a bhith aig luchd-obrach;
  • Tasgadh ann an leasachadh sgioba-obrach;
  • Dèanamh cinnteach nach tèid cùmhnantan neoni-uairean a chleachdadh ann an dòigh neo-iomchaidh;
  • Cumail sùil air trioblaidean leis a’ bheàrn phàighidh ghnè, agus àite-obrach nas eadar-mheasgaichte agus nas in-ghabhalaiche a chruthachadh;
  • Tabhann chleachdaidhean obrach sùbailte agus taiceil do theaghlaichean don luchd-obrach air fad bhon chiad latha obrach aca
  • Cur an aghaidh cleachdaidhean cur à dreuchd agus ath-fhastadh.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578