Pròiseact co-obrachaidh Gàidhlig air clach-mhìle ùr a ruigsinn
Tha Faclair na Gàidhlig agus Tobar an Dualchais (TAD) air crìoch a chur air an dàrna pàirt den phròiseact co-obrachaidh aca, a chuir gu mòr ri corpas Faclair na Gàidhlig.
Aig an ìre seo, tha an dà sgioba air rannsachadh a dhèanamh air na faclan a chaidh a thaghadh mar phàirt de phròiseact dearbhaidh ann an 2018, far an do lorg iad 1,200 facal is abairt Ghàidhlig àraid bho chlàraidhean-fuaim a tha rim faotainn air làrach-lìn TAD. Mar thoradh air sin, bha cuid de na clàraidhean anns an deach am briathrachas seo a lorg air an tar-sgrìobhadh le luchd-obrach TAD. Rinn sgioba Faclair na Gàidhlig sgrùdadh air na tar-sgrìobhaidhean seo gus measadh a dhèanamh air a’ bhriathrachas a dh’fhaodadh iad a chur ris an Fhaclair.
Fhad ’s a bha luchd-saidheans ag obair air banachdach COVID-19 a leasachadh agus am mòr-shluagh fo ghlasadh, lorg muinntir a’ phròiseict cho-obrachaidh grunn fhaclan inntinneach ceangailte ri leigheasan traidiseanta. Chaidh lusan a chleachdadh gu tric airson leigheas anns na linntean a chaidh seachad agus am measg an fheadhainn a chaidh a lorg ann an tar-sgrìobhaidhean TAD tha: slàn-lus a bha air a chleachdadh nuair a bhiodh neach air a ghearradh gus stad a chur air an fhuil a’ tighinn às; goc-Phàdraig a chaidh a chleachdadh gus leannachadh a tharraing gu bàrr a’ chraicinn; agus duileasg air a ghoil a bhiodh ga ithe mar leigheas airson craiceann briste. Chaidh eisimpleirean cuideachd a lorg anns an robh ìm an t-samhraidh cudromach airson leigheas. Bha daoine a’ creidsinn gun robh e math airson lotan, droch chnatan agus airson na cuinge, oir bha iad den bheachd gun robh bainne an t-slèibhe na bu treasa.
Thuirt Lorna Pike, Stiùiriche Faclaireachd aig Faclair na Gàidhlig: “Ged nach molamaid na leigheasan seo a chur gu feum, tha e air a bhith air leth inntinneach briathrachas agus fiosrachadh mun phàirt seo de chultar nan Gàidheal a lorg bho na h-amannan nuair nach robh eòlas-leighis ùr ri fhaotainn gu furasta. Mar a tha fios againn, tha tòrr de na cungaidhean a th’ air an cleachdadh ann an eòlas-leighis ùr a’ tighinn bho lusan agus tha dearbhadh ann gun robh cuid de na lusan a chaidh a chleachdadh ann an leigheasan traidiseanta math airson ar slàinte. Tha na ceanglaichean a lorg sinn eadar nithean cultarail agus faclaireil nan leigheasan traidiseanta a’ cur gu mòr ris an eòlas a th’ againn air cànan agus cultar na Gàidhlig.”
Thuirt Flòraidh Forrest, Stiùiriche TAD: “Tha sinn fada an comain Bòrd na Gàidhlig airson an taic a thug iad dhuinn gu ruige seo agus tha sinn air leth toilichte gu bheil am Bòrd air aontachadh taic a bharrachd a chur ris a’ phròiseact gus am bi e comasach dhuinn cumail oirnn leis an obair luachmhor seo. Anns an ath phàirt den phròiseact, nì sinn sgrùdadh air faclan agus abairtean bho dhiofar dhualchainntean agus cuspairean air nach tug sinn sùil fhathast. Tha sinn an dùil gun tèid tuilleadh thar-sgrìobhaidhean a dhèanamh, le faclan àraid a tha nam broinn gan toirt gu aire sgioba Faclair na Gàidhlig. Thèid na tar-sgrìobhaidhean seo a chleachdadh mar dhoras a-steach do ghnàthasan-cainnte agus cleachdaidhean cànain nach eil ri fhaighinn ann an litreachas Gàidhlig, agus bidh na tar-sgrìobhaidhean rim faighinn air làrach-lìn Tobar an Dualchais agus cuideachd tron chorpas air-loidhne aig an Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig (DASG).
Thuirt Steven Kellow, Oifigear Maoineachaidh is Phròiseactan aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha co-obrachadh eadar Tobar an Dualchais agus Faclair na Gàidhlig air a bhith soirbheachail thar nam bliadhnaichean is tha sinn air leth toilichte sìneadh a thoirt air ar taic don phròiseact aca. Tha am pròiseact a’ cur gu mòr ri dualchas na Gàidhlig is na dheagh eisimpleir den bhuannachd a gheibhear bho cho-obrachadh, is e air na stòrasan seo a neartachadh.”
Tha Faclair na Gàidhlig air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, agus thathar an dùil gun tèid pàirt den Fhaclair fhoillseachadh air-loidhne as t-earrach 2022. Leanaibh Faclair na Gàidhlig air Twitter @faclairgaidhlig.
Aig an ìre seo tha còrr is 43,000 clàradh air làrach-lìn TAD. Tha òrain, sgeulachdan, cleachdaidhean agus beul-aithris ann an Gàidhlig, Albais agus Beurla nam measg. Thathar an dùil gum bi an làrach-lìn ùr deiseil as t-samhradh 2021, le tar-sgrìobhaidhean na lùib. Ma tha sibh airson èisteachd ri clàraidhean bhon làraich a h-uile latha, leanaibh Tobar an Dualchais air Facebook agus Twitter.