Tobar an Dualchais a’ cur air bhog làrach-lìn ùr
Tha an goireas cultarail nàiseanta, Tobar an Dualchais/Kist o Riches (TAD), air làrach-lìn ùr a chur air bhog a tha ag amas air barrachd dhaoine a thàladh agus a nì cinnteach gum bi susbaint na làraich-lìn ri fhaotainn san àm ri teachd. Chaidh a’ chiad làrach-lìn a chur air bhog ann an 2010 agus bha i làn de dh’òrain, sgeulachdan, cleachdaidhean agus creideamhan ann an Gàidhlig, Albais agus Beurla. Fhuair sgoilearan à Sgoil Dhalabroig cothrom a’ chiad sealladh den làraich fhaighinn agus iadsan ann an sgìre far an do chruinnich luchd-clàraidh cuid de na clàraidhean as tràithe agus as luachmhoire.
Am measg na tha ùr air an làraich-lìn, tha: tar-sgrìobhaidhean de chlàraidhean Gàidhlig; dealbhan agus eachdraidhean-beatha de chuid de na daoine as iomraitiche a tha a’ nochdadh air an làraich-lìn; blogaichean; agus goireasan Gàidhlig a leasaich TAD do sgoiltean agus sgoiltean-àraich.
A bharrachd air leasachadh na làraich-lìn, chaidh pròiseact eile a choileanadh aig an aon àm le Oilthigh Dhùn Èideann gus dàta TAD a ghluasad don phrògram thasglannaidh eadar-nàiseanta, ArchivesSpace. Nì an gluasad seo cinnteach gum bi na clàraidhean agus am fiosrachadh a tha nan cois ri fhaotainn air-loidhne airson iomadh bliadhna ri teachd.
A’ bruidhinn air an làraich-lìn ùir, thuirt Flòraidh Forrest, Stiùiriche TAD: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil an dreach ùr de làrach-lìn TAD air a dhol beò, agus gur e sgoilearan Dhalabroig a chuir e gu feum an toiseach. Tha e snasail, tarraingeach, agus furasta a chleachdadh, agus tha sinn den a’ bheachd gun tàlaidh e daoine ùra do na clàraidhean prìseil seo agus gun còrd e nas fheàrr ris an luchd-chleachdaidh a th’ againn mar-thà. Tha sinn fada an comain Bòrd na Gàidhlig airson taic-airgid a leig leinn an obair seo a choileanadh.
Tha fiosrachadh agus naidheachdan inntinneach air an làraich-lìn ùir mu chuid de na prìomh dhaoine a th’ air cùl nan cruinneachaidhean agus tha sinn cinnteach gum bi seo na thlachd do luchd-cleachdaidh na làraich. Bha sinn airson tar-sgrìobhaidhean a chur ris an làraich-lìn an dèidh fios fhaighinn air ais bhon luchd-chleachdaidh againn, agus tha sinn an dùil gum bi iad nan cuideachadh do chuid a dhaoine ann a bhith a’ leantainn agus a’ tuigsinn nan clàraidhean. Tha sinn toilichte gu bheil cha mhòr 700 tar-sgrìobhadh ri fhaotainn air an làraich-lìn ùir, a’ gabhail a-steach barrachd air 58 uairean an uaireadair de chlàraidhean agus mu 520,000 facal.”
Thuirt Donnie Munro, Cathraiche Buidheann Stiùiridh TAD: “’S e goireas cultarail air-loidhne a th’ ann an TAD a tha cudromach gu h-eadar-nàiseanta, agus tha e a’ toirt toileachadh mòr dhomh gu bheil e air a’ chlach-mhìle seo a ruighinn. Tha sgioba TAD rim moladh airson an cuid saothrach agus bu mhath leam taing a thoirt do na com-pàirtichean againn aig Oilthigh Dhùn Èideann airson taic-airgid agus airson an dàta a chur gu bunait theicnigeach ùr, a tha a’ ciallachadh gum bi na clàraidhean rim faighinn airson ùine mhòr fhathast.”
Tha Ceannard nan Cruinneachaidhean Sònraichte aig Oilthigh Dhùn Èideann, Daryl Green, cuideachd air a dhòigh le toradh a’ cho-obrachaidh seo. Thuirt e: “Le bhith ag obair còmhla air a’ ghoireas chultarail chudromach seo, tha sinn a’ cur romhainn gum bi susbaint làrach-lìn Tobar an Dualchais ri fhaotainn don mhòr-shluagh san àm ri teachd. Tha an co-obrachadh leantainneach a dh’ionnsaigh seasmhachd na làraich-lìn agus nan cruinneachaidhean a tha na cois na amas aig TAD agus aig an Oilthigh ann a bhith a’ gleidheadh agus ag àrdachadh cànain agus cultaran na h-Alba.”
Thuirt Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Shona NicIllFhinnein: “Tha Tobar an Dualchais cudromach ann a bhith a’ toirt ar cultar agus ar guthan fa chomhair an t-sluaigh, anns na coimhearsnachdan againn fhèin agus nas fhaide air falbh. Mar aithne, tha na tha sinn a’ toirt de mhaoineachadh don Tobar, agus a chuid chom-pàirtichean a tha an sàs ann an leasachadh na làraich-lìn, leantainneach. Tha an làrach-lìn ùr air leth tarraingeach agus tha sinn an dùil gun tig àrdachadh mòr anns an àireamh de dhaoine a tha ga cleachdadh, agus gun cuir an luchd-cleachdaidh a th’ ann mar-thà fàilte air a leithid de leasachadh air a’ ghoireas luachmhor seo.”
Chaidh an làrach-lìn ùr beò Dimàirt 15mh dhen Ògmhios. Thèid stuthan ùra a chur rithe gu tric, a’ gabhail a-steach chlàraidhean, thar-sgrìobhaidhean, eachdraidhean-beatha ùra agus bhlogaichean, agus cuirear fàilte air beachdan agus molaidhean bhon mhòr-shluagh.