Geàrr-liosta Duaisean Foghlaim an Herald: A’ Chill Bheag is Christine Primrose
Tha sinn air leth toilichte ainmeachadh gu bheil Sabhal Mòr Ostaig air geàrr-liosta airson dà dhuais aig Duaisean Foghlaim an Herald 2026.
Chaidh Cairistìona Primrose MBE, Ceannard Òrain na Gàidhlig aig an t-Sabhail agus òraidiche air a’ chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl againn, ainmeachadh san roinn Sàr Obair bho Neach-Teagaisg.
’S i Cairistìona aon de na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr ann an Alba agus i na tosgaire cudromach airson cànan is cultar na Gàidhlig ann an Alba agus thall thairis. Tha i air còrr is 40 bliadhna a chur seachad ann an roinn an fhoghlaim, a’ teagasg òran Gàidhlig do dh’iomadh neach aig gach ìre agus bho gach àite.
Thòisich Cairistìona ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 1982 mar neach-taice pearsanta agus i cuideachd a’ stiùireadh chùrsaichean goirid ann an òrain Ghàidhlig. Ann an 2007, bha oileanaich air a’ phrògram ceuma ùr, Gàidhlig agus Ceòl, fortanach ìre shònraichte de dh’ùine fhaighinn le Cairistìona, a’ faighinn cothrom ionnsachadh bhon eòlas traidiseanta agus cultarail gun chrìoch a th’ aice. Tha a cuid buaidh ri fhaicinn anns na mòran sheinneadairean proifeasanta soirbheachail a tha i air a theagasg thar nam bliadhnaichean.
Tha sàr obair Chairistìona, ge bith an ann tro theagasg, oideachadh, no brosnachadh oileanaich san fharsaingeachd, riatanach do dhearbh-aithne na Colaiste, a soirbheachas leantainneach, agus ann a bhith a’ cuideachadh le bhith a’ mìneachadh a dualchais san àm ri teachd.
Anns an roinn Sàr Obair anns a’ Choimhearsnachd, tha Sabhal Mòr Ostaig air a’ chuairt dheireannaich a ruigsinn airson an leasachadh eachdraidheil aca ann am Baile na Cille Bige. Tha am pròiseact seo air taigheadas aig prìs reusanta a chruthachadh san sgìre, agus tha e a’ riochdachadh a’ chiad bhaile ùr anns an Eilean Sgitheanach ann an còrr is 100 bliadhna.
Chuir Sabhal Mòr Ostaig air dòigh com-pàirteachas lìbhrigidh, ag obair gu h-ùr-ghnàthach leis an Ùghdarras Ionadail, Urras Taigheadais Coimhearsnachd agus an Roinn Phrìobhaideach gus am baile a leasachadh air fearann na colaiste. B’ e amas a’ phròiseict coimhearsnachd dhùthchail ùr, shunndach, sheasmhach agus ghnìomhach a thaobh eaconamaidh a chruthachadh, leis a’ Ghàidhlig aig cridhe na h-obrach.
Bhon uair sin, chaidh Ionad Iain Nobail agus 17 taighean aig prìs reusanta a thogail. Tha an dà chuid taighean air màl aig prìs lasaichte agus taighean airson an ceannachd ann, nam measg taighean airson teaghlaichean, taighean le ruigsinneachd rèidh agus taighean a tha ruigsinneach do chathraichean-cuibhle.
Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas dhan a h-uile duine a tha air a’ gheàrr-liosta, agus thèid na buannaichean ainmeachadh Diciadain 20 Cèitean aig an DoubleTree by Hilton ann an Glaschu.

